Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt Fiosrachaidh Bùth Ceimigeir a' Chaoil
EXTERNAL ID
Z_HCD_DOC_0005_02
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROSS AND CROMARTY: Lochalsh
DEIT
1914
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
7372
KEYWORDS
fiosrachadh
clàran-ama
turasachd
bùth-ceimigeir
Kyle Pharmacy Information Card

Stèidhich Donnchadh Mac a' Phearsain bùth ceimigeir dlùth dha cidhe na h-aiseig ann an Caol Loch Aillse ann an 1912. A thuilleadh air a bhith a' solarachadh chungaidhean leigheis, bathar sgeadachaidh agus stuthan togail dheilbh, thàinig a' bhùth gu bhith na h-oifis turasachd neo-oifigeil far an robh luchd-tadhail a bha a' tighinn air an trèana, bàta no ann an càr an còmhnaidh cinnteach à fiosrachadh ionadail a lorg. Is dòcha gus tìde a shàbhaladh, thòisich Mac a' Phearsain air dèanamh nan cairtean fiosrachaidh paisgte a bha a' toirt seachad amannan trèana agus bàta, agus an t-seirbheis lìbhrigidh litrichean. B' e dòigh a bh' ann cuideachd air a' bhùth a shanasachd.

Chaidh beachd-smuain na cairt fiosrachaidh a leudachadh, agus bho 1927 gu 1960 bha Mac a' Phearsain a' foillseachadh Iùl Pòcaid dhan Eilean Sgitheanach is Loch Aillse air prìs 2/- ann an 1956. Cha robh seo idir furasta, a thaobh tional chlàran-ama bhàtaichean is thrèanaichean, fiosrachadh mu àiteachan fuirich, làraich eachdraidheil inntinneach, agus bho thaobh fealla-dhà grunn de na sgeulachdan èibhinn aige fhèin. A dh'aindeoin an aois a bhith a' tighinn air, bha eagran ùr làn sgrùdaichte a' nochdadh gach bliadhna, agus nuair a chaidh an eagran mu dheireadh ainmeachadh anns an Sunday Times thàinig sruth de litrichean agus post bho air feadh an t-saoghail

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt Fiosrachaidh Bùth Ceimigeir a' Chaoil

ROSS AND CROMARTY: Lochalsh

1910an

fiosrachadh; clàran-ama; turasachd; bùth-ceimigeir

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (documents)