Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lùchairt an Easbaig, Taobh an Uillt, Sgrabstair
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_CAIMS_PHO160
ÀITE
Sgrabastair
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
738
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
Bishop's Palace, Burnside, Scrabster

Air rubha cloiche ag èirigh às a' chladach mu leth mhìle an iar-thuath air Inbhir Theòrsa, tha tobhta caisteil easbaigean Ghallaibh. Chan eil air fhàgail a-nis ach làrach balla aig oir na creige agus stèidh togalach no dhà a' cuartachadh na cùirte. Tha uinneag bheag de cheann trì-cheàrnach air a bheil òrnaid fiacail-coin, a thugadh bhon làraich, agus i a-nis ann am fear de na togalaichean cuartachaidh aig Taigh Sgrabastair (an taigh tuathanais aig Mànas Inbhir Theòrsa).

Tha e coltach gun do nochd a'chiad iomradh air a' chaisteal an 1328 an cunntas a chuireadh a-steach mu choinneamh cumail Caisteal Sgrabstair agus e falamh. Gheibhear aithrisean eile air an 1455 mu chumail caisteal Sgrabstair, an 1478, agus an 1544 nuair a ghlac Iarla Ghallaibh e, agus an 1557 nuair a chaidh Iain, Iarla Chataibh, a chur an dreuchd mar chonstabal. Chaidh aithris an 1726 gun robh e gu tur na thobhta.

(Teacsa bho Choimisean Rìoghail Àrsaidheachd agus Charraighean-cuimhne na h-Alba)

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lùchairt an Easbaig, Taobh an Uillt, Sgrabstair

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

caistealan; tobhtaichean