Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Òrdugh air teileagraf airson snàth-cotain, Bùth-chungadair a Chaoil
EXTERNAL ID
Z_HCD_DOC_0023
ÀITE
A' Chomraich
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROSS AND CROMARTY: Applecross
DEIT
1924
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
7408
KEYWORDS
teileagraf
bùth-chungadair
bàta-smùide
Telegraph Order for Cotton Wool, Kyle Pharmacy

Stèidhich Donnchadh Mac a' Phearsain a' bhùth-chungadair ann an Caol Loch Aillse ann an 1912, agus chan e a-mhàin gun robh e a' reic stuthan co-cheangailte ri obair chungadair mar bruisean-fhiaclan is siampù ach fiosrachadh mu thurasachd, cairtean-puist agus bathar togail-deilbh chamara.

Bha litrichean, cairtean-puist, notaichean neo-fhoirmeil agus teileagrafan Oifis a' Phuist air an cleachdadh gus stuth iarraidh. Thàinig an t-òrdugh seo, airson dà phunnd de shnàth-cotain, o dhotair às a' Chomraich. Seach gun robh an rathad dhan Chomraich ann an droch staid agus a' Chomraich fhèin cho iomallach, b' e an dòigh a b' fhasa faighinn ann a dhol air a' bhàta-smùide a bhiodh a' stad an sin air an t-slighe eadar Caol Loch Aillse agus Steòrnabhagh. Chaidh an S.S. Sheila a thogail arson companaidh luingearachd Mhic a' Bhruthainn ann an 1904 agus sheòl i thar a' Chuan Sgìth airson còrr is 20 bliadhna. Ach chaidh i air tìr faisg air beul Loch Thoirbheartan air Là na Bliadhn' Ùire 1927, nuair a bha i a' feuchainn air Bàgh na Comraich. Gu fortanach, cha deach duine às an rathad

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Òrdugh air teileagraf airson snàth-cotain, Bùth-chungadair a Chaoil

ROSS AND CROMARTY: Applecross

1920an

teileagraf; bùth-chungadair; bàta-smùide

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (documents)