Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prògram Chuirm-chiùil à Ceann a' Ghiuthasaich
EXTERNAL ID
Z_KIGHF_7_51
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
7466
KEYWORDS
taisbeanaidhean
prògraman
cuirmean-ciùil
dealbhan
ceòl
comadaidh
aoigheachd
probhaistean
Concert Programme from Kingussie

Postair a' sanasachd 'Cuirm-chiùil air sgàth nam Bochd ann an Ceann a' Ghiuthasaich' aig Talla Bhioctoria, Ceann a' Ghiuthasaich, air Dihaoine 15mh Màrt 1895, le Probhaist Alasdair Mac a' Phearsain anns a' chathair. Bha ceòl piana, ceòl fhidheall is òrain anns a' chiad leth den chuirm, is òrain eile, comadaidh is 'Toy Symphony' aig Haydn anns an dara leth. Tha dealbh dhearg ioma-lùbach ann an stoidhle Seapanach a' sgeadachadh am postair.

An dèidh Achd Atharrachadh Lagh nam Bochd (Alba) ann an 1845, chaidh bùird ionadail a stèidheachadh a chum furtachd nam bochd a sgaoileadh am measg dhaoine nach urrainn iad fhèin a chuideachadh. Bha buidheannan-charthannachd phrìobhaideach a chum cuideachadh a thoirt do nam bochd air an stèidheachadh cuideachd.

Chaidh cunntas de bheatha Phrobhaist Alasdair Mac a' Phearsain fhoillseachadh anns an 'Celtic Monthly' anns an Damhair 1895. B' e Neach-ionaid de Bhanca Anart Bhreatainn aig Ceann a' Ghiuthasaich, bàillidh airson Mac a' Phearsain Chluainidh, an ceann-cinneadh, is Còirneal Mac a' Phearsain à Gleann Truim, Sìth-bhreitheamh, Ceannard Chlub Camanachd Cheann a' Ghiuthasaich is Iar-cheann-suidhe Chlub Crolaidh Cheann a' Ghiuthasaich a bh'ann. A' bharrachd air an sin, b'e ball gnìomhach de Eaglais na h-Alba a bh'ann, is ball den Chlèir, Sheanadh is Àrd-Sheanadh. Bha e a' com-pàirteachadh ann an Gnìomhan Chomann Gàidhlig Inbhir Nis is bha e na Chompanach de Chomann Rìoghail Àrsadairean na h-Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prògram Chuirm-chiùil à Ceann a' Ghiuthasaich

1890an

taisbeanaidhean; prògraman; cuirmean-ciùil; dealbhan; ceòl; comadaidh; aoigheachd; probhaistean

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum (documents)

Postair a' sanasachd 'Cuirm-chiùil air sgàth nam Bochd ann an Ceann a' Ghiuthasaich' aig Talla Bhioctoria, Ceann a' Ghiuthasaich, air Dihaoine 15mh Màrt 1895, le Probhaist Alasdair Mac a' Phearsain anns a' chathair. Bha ceòl piana, ceòl fhidheall is òrain anns a' chiad leth den chuirm, is òrain eile, comadaidh is 'Toy Symphony' aig Haydn anns an dara leth. Tha dealbh dhearg ioma-lùbach ann an stoidhle Seapanach a' sgeadachadh am postair.<br /> <br /> An dèidh Achd Atharrachadh Lagh nam Bochd (Alba) ann an 1845, chaidh bùird ionadail a stèidheachadh a chum furtachd nam bochd a sgaoileadh am measg dhaoine nach urrainn iad fhèin a chuideachadh. Bha buidheannan-charthannachd phrìobhaideach a chum cuideachadh a thoirt do nam bochd air an stèidheachadh cuideachd.<br /> <br /> Chaidh cunntas de bheatha Phrobhaist Alasdair Mac a' Phearsain fhoillseachadh anns an 'Celtic Monthly' anns an Damhair 1895. B' e Neach-ionaid de Bhanca Anart Bhreatainn aig Ceann a' Ghiuthasaich, bàillidh airson Mac a' Phearsain Chluainidh, an ceann-cinneadh, is Còirneal Mac a' Phearsain à Gleann Truim, Sìth-bhreitheamh, Ceannard Chlub Camanachd Cheann a' Ghiuthasaich is Iar-cheann-suidhe Chlub Crolaidh Cheann a' Ghiuthasaich a bh'ann. A' bharrachd air an sin, b'e ball gnìomhach de Eaglais na h-Alba a bh'ann, is ball den Chlèir, Sheanadh is Àrd-Sheanadh. Bha e a' com-pàirteachadh ann an Gnìomhan Chomann Gàidhlig Inbhir Nis is bha e na Chompanach de Chomann Rìoghail Àrsadairean na h-Alba