- TIOTAL
- Litir o Sheumas Caimbeul 22 Giblean 1800 (3)
- EXTERNAL ID
- Z_KIGHF_8_18_3
- DEIT
- 1800
- LINN
- 1800an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 7480
- KEYWORDS
- litrichean
Litir o Sheumas Caimbeul aig an Shakespear Tavern ann an Lunnainn gu a phàrantan ann an Dealgros. Tha an ceann latha 22 Giblean 1800 air an litir.
Tha Seumas air Lunnainn a ruighinn gu sàbhailt, far a bheil bràthair a mhàthar ga chur dhan sgoil. Tha e gu bhith na chòcaire, oir tha bràthair a mhàthar ag ràdh gur e sin an obair as fheàrr a th'ann. Tha Seumas ag iarraidh air a phàrantan innse do athair Uilleim Fhriseil gu bheil e gu math is gu bheil bràthair a mhàthar a' feuchainn ri Uilleam fhaighinn dhan 9mh Rèisimeid na Coise, ach chan eil e ro dheònach seach gur e Rèisimeid Sasannach a th'ann.
Tha Seumas ag iarraidh air a phàrantan iasg tioram is uisge-beatha a chur thuige. Tha e air fo-sgrìobhadh a chur ann ag ràdh gu bheil bràthair a mhàthar air ainm atharrachadh gu Seumas MacGilleBhàin