Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prògram airson Taigh-dhealbh Cheann a' Ghiuthasaich 2
EXTERNAL ID
Z_KIGHF_10_1_2
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
7491
KEYWORDS
taighean-dheilbh
filmean
aoigheachd
prògraman
dealbhan
Programme for the Kingussie Picture House 2

'S e seo am prògram airson Taigh-dhealbh Cheann a' Ghiuthasaich san Ògmhios 1944. Bha am prògram a' cosg sgillinn, is bha inntreas dhan Taigh-dhealbh a' cosg 9d, 1/9 no 2/6. Bhathar a' sealltainn filmean air Diluain, Dimàirt, Diarodaoin is Dihaoine aig 8f, is air Disathairne aig 5:30f is 8:30f (ach dh'fhaodar sin atharrachadh).

Bha an Taigh-dhealbh a' sealltainn iomadh seòrsa film is naidheachdan. Bha filmean mar 'Dixie, le Bing Crosby, is 'The Sky's the Limit', le Fred Astaire am measg na filmean a bh'air san Ògmhios 1944. Bha fios mu atharrachaidhean sam bith a thaobh uair no là air ainmeachadh anns 'The Badenoch Record'.

Bha filmean sùnndach, mar feadhainn Bhing Crosby is Fred Astaire, mòr-chòrdte nuair a bha an Dàra Chogadh a' dol, oir bha iad a' toirt misneachd do dhaoine. 'S e gaoir-chluich anns am bheil Seonag NicCreamhain a' cluich Aimeirigeanach a chaidh a Bhreatainn air turas 's a thòisich ag obair dhan t-Seirbhis Uaigneach is a chaidh a chuir air misean dhan Ghearmailt mus do thòisich an cogadh a th'ann an 'Above Suspicion'. Ann an 'So Proudly We Hail', bha Claudette Colbert is Paulette Goddard a' cluich banaltraim anns an arm ann an suidheachadh cunnartach is duilich anns a' Chuan Sèimh. Bha an treas cluichidear ainmeil anns an fhilm, Veronica Lake, ainmeil airson a falt fada. Ghabh mòran bhoireannaich an stoidhle seo dhaibh fèin, is bha uallach air daoine nach robh seo freagarrach airson na boireannaich a bha ag obair ann an factaraidhean tro 'n chogadh. B'fheudar dhi a falt a chuir ann an stoidhle na bu fhreagarraiche anns na filmean a rinn i nuair a bha an cogadh a' dol.

Anns an Ògmhios 1944, mìos a' phrògraim seo, bha tachartas a dh'atharraich an cogadh, nuair a chaidh na saighdearan dàimheil gu Tìr Thormoid air 'Là-D', 6mh Ògmhios

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prògram airson Taigh-dhealbh Cheann a' Ghiuthasaich 2

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1940an

taighean-dheilbh; filmean; aoigheachd; prògraman; dealbhan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum (documents)