Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Raibeirt Dick, Inbhir Theòrsa, mu1933
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_CAIMS_PHO177
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
CRUTHADAIR
Johnston Photographers
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
776
KEYWORDS
taighean
clach-eòlaichean
luibh-eòlaichean
Robert Dick's House, Thurso

Chithear san dealbh-chamara seo taigh an Inbhir Theòrsa a bha uaireigin aig fear Raibeart Dick.

Bha Raibeart Dick (Faoilleach 1811 gu 24 Dùbhlachd 1866) na chlach-eòlaiche is luibh-eòlaiche Albannach. Rugadh an Tullach Bòide an Siorrachd Chlach Mhanainn e agus an dèidh sgoil fhàgail thòisich e ag ionnsachadh a bhith na bhèicear. 'S ann fhad 's a bha e na dheugaire a thog e ùidh ann an luibh-eòlas agus a thòisich e a' cruinneachadh lusan.

Ann an 1830 chaidh e a dh'Inbhir Theòrsa, far an deach athair a chur an dreuchd mar Cheannard Chìs-bhathair ceithir bliadhna roimhe. Dh'fhosgail e taigh-fuine sa bhaile a thug dha teachd a-steach car truagh. Chùm e air a' cruinneachadh lusan agus bhiastagan gus an d' fhuair e ùidh mu dheireadh an clachan is fosailean a bhiodh e a' lorg san sgìre. Bhiodh e a' sgrìobhadh còmhla ri na luibh-eòlaichean agus na clach-eòlaichean a b' iomraitiche a bh' ann, a bhiodh cuideachd a' tadhal air, agus bha càirdeas gu math faisg aige ris a' chlach-eòlaiche, Ùisdean Miller.

An dèidh a bhàis an 1866, thogadh liagan mar chuimhneachadh air an Cladh Inbhir Theòrsa a' comharrachadh a bheatha is obrach. Tha a thasglann de bhuill shampaill lusan, cho math ri mòran dhe na fosailean aige, a-nis an taigh-tasgaidh Inbhir Theòrsa, Caithness Horizons

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Raibeirt Dick, Inbhir Theòrsa, mu1933

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

taighean; clach-eòlaichean; luibh-eòlaichean