Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Lìg an Fhearainn ann an Gartaidh Mòr
EXTERNAL ID
GART_016
ÀITE
Gartaidh Mòr
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
NEACH-FIOSRACHAIDH
Timespan - Bun Ilidh
AITHNEACHADH MAOINE
7923
KEYWORDS
aimhreit fearainn
Land League monument at Gartymore

Mion-dhealbh air clàr do Chomann Lìg an Fhearainn aig Gartaidh Mòr, faisg air Bun Ilidh. Tha an clàr air a' charragh-cuimhne ag innse mar a chaidh a choisrigeadh do na fir is na boireannaich a rinn spàirn ach an deigheadh còirean nan croitearan a chur air bhonn. Chaidh an carragh-cuimhne a thogail ann an 1981air a' chroit a bh' aig Iain Friseal, fear den phrìomh luchd-spàirn sa chomann.

'S e baile beag croitearachd ann an Cataibh a bh' ann an Gartaidh Mòr, àite a bha aig meadhan Connspaid nan Croitearan - aimhreit a sgaoil air feadh na Gàidhealtachd fada san naoidheamh linn deug. Bha cuid de mhuinntir an àite an sàs ann an cur air bhonn a' chiad mheur de Luchd-spàirn Lìg an Fhearainn a chuidich ann an Achd na Croitearachd 1886 a thoirt gu buil.

Tha taisbeanadh sgeulachd a' Ghartaidh Mhòir a th' aig Timespan ann am Bun Ilidh, ag innse mu na teaghlaichean croitearachd a bha a' fuireach agus ag obair air taobh an ear Chataibh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Lìg an Fhearainn ann an Gartaidh Mòr

CATAIBH: Cill Donnain

aimhreit fearainn

Timespan - Bun Ilidh

The Gartymore Story

Mion-dhealbh air clàr do Chomann Lìg an Fhearainn aig Gartaidh Mòr, faisg air Bun Ilidh. Tha an clàr air a' charragh-cuimhne ag innse mar a chaidh a choisrigeadh do na fir is na boireannaich a rinn spàirn ach an deigheadh còirean nan croitearan a chur air bhonn. Chaidh an carragh-cuimhne a thogail ann an 1981air a' chroit a bh' aig Iain Friseal, fear den phrìomh luchd-spàirn sa chomann. <br /> <br /> 'S e baile beag croitearachd ann an Cataibh a bh' ann an Gartaidh Mòr, àite a bha aig meadhan Connspaid nan Croitearan - aimhreit a sgaoil air feadh na Gàidhealtachd fada san naoidheamh linn deug. Bha cuid de mhuinntir an àite an sàs ann an cur air bhonn a' chiad mheur de Luchd-spàirn Lìg an Fhearainn a chuidich ann an Achd na Croitearachd 1886 a thoirt gu buil.<br /> <br /> Tha taisbeanadh sgeulachd a' Ghartaidh Mhòir a th' aig Timespan ann am Bun Ilidh, ag innse mu na teaghlaichean croitearachd a bha a' fuireach agus ag obair air taobh an ear Chataibh