Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana Eaglais Pharraist Inbhir Nàrann (an Aghaidh)
EXTERNAL ID
GB232_BN6_3_3
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
1893
LINN
1890an
CRUTHADAIR
John Starforth
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
7979
KEYWORDS
ailtireachd
planaichean
togalaichean
eaglaisean
dealbhan ailtireil
zoomable
deilbh leudachail

'S e Iain Starforth, ailtire stèidhichte ann an Dùn Eideann, a dheilbh Seann Eaglais a' Pharraist, Sràid an Acadamaidh, Inbhir Nàrann. Thug Fo-cheannard Còirneal Mac a' Chlèirich à Achareidh am fearann seachad air a shon, is gheàrr a bhean a' chiad fhòd air an 28mh den Mhàrt 1894. Chaidh a' chlach-stèidh a chur sìos air an 29mh den Lùnastal 1894 is bha an togalach deiseil san Iuchar 1897.

Tha an eaglais ann an stoidhle tràth-Ghotach, ann an cruth crann-cheusaidh, seòmar òrgain, bheastraidh, taigh seisein, tùr mòr ceàrnagach, taigh-cluig is àite airson 1,200 duine. Chosg an togalach £9,500. Bha an eaglais air fhosgladh is air coisrigeadh airson adhradh poblach leis an Urr Dotair Scott à Eaglais an Naoimh Sheòrais, Dùn Èideann, a bha air a bhith na Mhoderàtor air an Àrd-sheanadh.

Tha na planaichean a-measg chlàran Cùirt Deadhain Inbhir Nàrann. Thòisich na cùirtean seo anns na meadhan aoisean. 'B e buidheann de mharsantan cumhachdach a' bhaile a bh' ann an comann mar seo (guild). Bha dreuchd coltach ri dreuchd maighstir lagha aig a' cheannard aca, air an robh an Deadhan no Dean. Bha na cùirtean seo a' toirt gu buil riaghailtean mu thogalaichean, rud a tha roinn togail smachd nan ùghdarras ionadail a' dèanamh an-diugh. Dh'fheumadh planaichean airson thogalaichean ùra no airson leasachaidhean air togalaichean, a dhol gu Cùirt an Deadhain airson aonta

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana Eaglais Pharraist Inbhir Nàrann (an Aghaidh)

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1890an

ailtireachd; planaichean; togalaichean; eaglaisean; dealbhan ailtireil; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Dean of Guild Plans

'S e Iain Starforth, ailtire stèidhichte ann an Dùn Eideann, a dheilbh Seann Eaglais a' Pharraist, Sràid an Acadamaidh, Inbhir Nàrann. Thug Fo-cheannard Còirneal Mac a' Chlèirich à Achareidh am fearann seachad air a shon, is gheàrr a bhean a' chiad fhòd air an 28mh den Mhàrt 1894. Chaidh a' chlach-stèidh a chur sìos air an 29mh den Lùnastal 1894 is bha an togalach deiseil san Iuchar 1897.<br /> <br /> Tha an eaglais ann an stoidhle tràth-Ghotach, ann an cruth crann-cheusaidh, seòmar òrgain, bheastraidh, taigh seisein, tùr mòr ceàrnagach, taigh-cluig is àite airson 1,200 duine. Chosg an togalach £9,500. Bha an eaglais air fhosgladh is air coisrigeadh airson adhradh poblach leis an Urr Dotair Scott à Eaglais an Naoimh Sheòrais, Dùn Èideann, a bha air a bhith na Mhoderàtor air an Àrd-sheanadh.<br /> <br /> Tha na planaichean a-measg chlàran Cùirt Deadhain Inbhir Nàrann. Thòisich na cùirtean seo anns na meadhan aoisean. 'B e buidheann de mharsantan cumhachdach a' bhaile a bh' ann an comann mar seo (guild). Bha dreuchd coltach ri dreuchd maighstir lagha aig a' cheannard aca, air an robh an Deadhan no Dean. Bha na cùirtean seo a' toirt gu buil riaghailtean mu thogalaichean, rud a tha roinn togail smachd nan ùghdarras ionadail a' dèanamh an-diugh. Dh'fheumadh planaichean airson thogalaichean ùra no airson leasachaidhean air togalaichean, a dhol gu Cùirt an Deadhain airson aonta