Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Thaigh-staile Ghleann Chaladair
EXTERNAL ID
GB232_BN6_3_33
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
1898
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Charles Doig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
7994
KEYWORDS
ailtireachd
planaichean
togalaichean
taighean-staile
dealbhan ailtireil
zoomable
deilbh leudachail

Chaidh Taigh-staile Ghleann Chaladair (Glencawdor) a stèidheachadh ann an 1898 le Mgr J Mill à Inbhir Nàrann, Mgr D Mac 'An Duibh à Inbhir Nis is Mgr J MacGilleagain à Calcutta is chaidh a thogail far an robh ciad muileann a' bhaile. Stad grùdaireachd ann an 1901 nuair a chaidh a' chompanaidh fodha. Ann an 1903, cheannaich Iain Haigh & Co a' mhaoin aca. Bha buaidh aig an ìsleachadh-malairt anns na 1920an air a' chompanaidh, ged-tà, is sguir iad dhen obair ann an 1927.

Bha an taigh-staile faisg air Abhainn Inbhir Nàrann is air drochaid-rèile Inbhir Nis - Eilginn, far am bheil raon-cluiche an-diugh. Bha an airse dhìle air cliathaich na drochaid-rèile air a thogail a chum slugan-muilne on mhuileann-mine a ghabhail, is chleachd an taigh-staile seo a-rithist. Thathar den bheachd gun robh mu 80,000 galan gach bliadhna air a dhèanamh san dà phoit-staile.

'S e Teàrlach C Doig a dheilbh na togalaichean - 's e a chruthaich na mullaichean 'pagoda' a bh' air àthan braiche air feadh Alba. Chaidh an taigh-staile a leagail ann an 1930 is bha na clachan air an cleachdadh ann an taighean ùra air oighreachd a' Chnuic Leathainn.

Tha na planaichean a-measg chlàran Cùirt Deadhain Inbhir Nàrainn. Thòisich na cùirtean seo anns na meadhan aoisean. 'B e buidheann de mharsantan cumhachdach a' bhaile a bh' ann an comann mar seo (guild). Bha dreuchd coltach ri dreuchd maighstir lagha aig a' cheannard aca, air an robh an Deadhan no Dean. Bha na cùirtean seo a' toirt gu buil riaghailtean mu thogalaichean, rud a tha roinn smachd togail nan ùghdarras ionadail a' dèanamh an-diugh. Dh'fheumadh planaichean airson thogalaichean ùra no airson leasachaidhean air togalaichean, a dhol gu Cùirt an Deadhain airson aonta

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Thaigh-staile Ghleann Chaladair

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1890an

ailtireachd; planaichean; togalaichean; taighean-staile; dealbhan ailtireil; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Dean of Guild Plans