Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prionnsa na Cuimrigh a' faighinn Saorsa Inbhir Nis, 1931
EXTERNAL ID
GB232_D375_P012
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
26 An t-Ògmhios 1931
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8101
KEYWORDS
turasan rìoghail
Eideard VII
The Prince of Wales receives the Freedom of Inverness, 1931

Air 26 Ògmhios 1931, thadhal a Mhorachd Rìoghail Eideart, Prionnsa na Cuimrigh, air Inbhir Nis far an deach Saorsa a' Bhorg Rìoghail a thoirt dha. Shiubhail e eadar Dùn Èideann is Dùnaidh air itealan aotrom agus chaidh e an uair sin a dh'Inbhir Nis ann an càr còmhla ris a' Mhorair MhicShimidh. Às dèidh dha a dhol do dh'ionad-obrach a' Mhorair MhicDhonnchaidh airson shaighdearan ciorramach, sgrùd e buidheann de 400 ball den Lègion Bhreatannaich agus de sheann shaighdearan ann am Pàirce Farraline. Dh'fhosgail e an uair sin Talla-cuimhneachaidh a' Bhaintighearna Maud Lawson ann an Sràid a' Bhanca. Chaidh an t-seirbheis Saorsa a chumail ann an Taigh-dheilbh a' Phlayhouse ann an Sràid an Acadamaidh. Chaidh fàilte a chur air le Feachd Urraim bhon 4mh/5mh agus 6mh Buidhnean-catha (Feachd na Dùthca) de na Sìophortaich. Bha Saighdearan à Siorrachd Rois air an taobh dheas, à Gallaibh is Cataibh anns a' mheadhan agus à Moireabh air an taobh chlì. Anns an dealbh seo, chithear am prionnsa a' sgrùdadh na feachd. Tha an Caiptean SK Frisean MC còmhla ris. Chithear am Fo-cheannard JG MacDhòmhnaill ri aghaidh na deilbhe. Às dèidh na seirbheis, chaidh dìnnear a chumail do Shaoranach ùr Inbhir Nis leis a' Phròbhaist MacEòghainn agus Comhairle a' Baile ann an Talla a' Bhaile. Air an fheasgair, chuir Prionnsa na Cuimrigh blàth-fhleasg air a' charragh-chuimhne cogaidh ann an Gàraidhean Chavell agus an uair sin, choisich e thar na drochaid-chrochaidh gus roinn rèidieolas ùr fhosgladh. Chaidh am prionnsa an uair sin do dh'Armlann nan Sìophortach ann an Dùn Deòrsa, far an deach an luchd-obrach is na saighdearan ùra a thoirt còmhla airson sgrùdadh. Chuir e crìoch air an latha trang seo le geama goilf ann an Inbhir Narann.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prionnsa na Cuimrigh a' faighinn Saorsa Inbhir Nis, 1931

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

turasan rìoghail; Eideard VII

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

MacEwen Photographic Archive

Air 26 Ògmhios 1931, thadhal a Mhorachd Rìoghail Eideart, Prionnsa na Cuimrigh, air Inbhir Nis far an deach Saorsa a' Bhorg Rìoghail a thoirt dha. Shiubhail e eadar Dùn Èideann is Dùnaidh air itealan aotrom agus chaidh e an uair sin a dh'Inbhir Nis ann an càr còmhla ris a' Mhorair MhicShimidh. Às dèidh dha a dhol do dh'ionad-obrach a' Mhorair MhicDhonnchaidh airson shaighdearan ciorramach, sgrùd e buidheann de 400 ball den Lègion Bhreatannaich agus de sheann shaighdearan ann am Pàirce Farraline. Dh'fhosgail e an uair sin Talla-cuimhneachaidh a' Bhaintighearna Maud Lawson ann an Sràid a' Bhanca. Chaidh an t-seirbheis Saorsa a chumail ann an Taigh-dheilbh a' Phlayhouse ann an Sràid an Acadamaidh. Chaidh fàilte a chur air le Feachd Urraim bhon 4mh/5mh agus 6mh Buidhnean-catha (Feachd na Dùthca) de na Sìophortaich. Bha Saighdearan à Siorrachd Rois air an taobh dheas, à Gallaibh is Cataibh anns a' mheadhan agus à Moireabh air an taobh chlì. Anns an dealbh seo, chithear am prionnsa a' sgrùdadh na feachd. Tha an Caiptean SK Frisean MC còmhla ris. Chithear am Fo-cheannard JG MacDhòmhnaill ri aghaidh na deilbhe. Às dèidh na seirbheis, chaidh dìnnear a chumail do Shaoranach ùr Inbhir Nis leis a' Phròbhaist MacEòghainn agus Comhairle a' Baile ann an Talla a' Bhaile. Air an fheasgair, chuir Prionnsa na Cuimrigh blàth-fhleasg air a' charragh-chuimhne cogaidh ann an Gàraidhean Chavell agus an uair sin, choisich e thar na drochaid-chrochaidh gus roinn rèidieolas ùr fhosgladh. Chaidh am prionnsa an uair sin do dh'Armlann nan Sìophortach ann an Dùn Deòrsa, far an deach an luchd-obrach is na saighdearan ùra a thoirt còmhla airson sgrùdadh. Chuir e crìoch air an latha trang seo le geama goilf ann an Inbhir Narann. <br /> <br /> (Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).