Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seud-lann na Saorsa agus an Iuchair Òr
EXTERNAL ID
GB232_D375_P026
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
26 An t-Ògmhios 1931
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8117
KEYWORDS
turasan rìoghail
Eideard VII
The Freedom Casket and Gold Key

Thadhail Eideard, Prionnsa na Cuimrigh air Inbhir Nis air 26 Ògmhios 1931. Dh'iarr am Probhaist Alasdair MacEòghainn air òraid a dhèanamh aig coinneamh bhliadhnail Legion Bhreatainn (Alba) agus Saorsa Inbhir Nis a ghabhail. Chaidh e gu bùth-obrach far an robh seann shaighdearan ciorramach ag obair agus gu fosgladh oifigeil dà roinn ùr san Ospadal Rìoghail a Tuath.

Bha a' chiste anns an robh Ticead a' Bhùirdeasaich, bileag a' dearbhadh gun robh Saorsa Inbhir Nis aig neach, air a snaidheadh o phìos daraich le pàtaran Ceilteach. Tha I air a sgeadachadh le suaicheantasan a' Phrionnsa, seallaidhean de dh'Inbhir Nis is Cairngorm air a' mhullach. B' e W B Mac an Tàilleir, seudair air Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis, a rinn i.

Chleachd am Prionnsa an iuchair gus Roinnean ùra nan Euslainteach-tadhail is X-ghath aig an Ospadal Rìoghail a Tuath fhosgladh. Tha i air a dèanamh le òr, agus tha itean Prionnsa na Cuimrigh air aon taobh is dealbhan rùnach air an taobh eile. Chaidh a dèanamh le D MacRath, seudair ann an Geata an Ear, Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seud-lann na Saorsa agus an Iuchair Òr

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

turasan rìoghail; Eideard VII

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

MacEwen Photographic Archive

Thadhail Eideard, Prionnsa na Cuimrigh air Inbhir Nis air 26 Ògmhios 1931. Dh'iarr am Probhaist Alasdair MacEòghainn air òraid a dhèanamh aig coinneamh bhliadhnail Legion Bhreatainn (Alba) agus Saorsa Inbhir Nis a ghabhail. Chaidh e gu bùth-obrach far an robh seann shaighdearan ciorramach ag obair agus gu fosgladh oifigeil dà roinn ùr san Ospadal Rìoghail a Tuath.<br /> <br /> Bha a' chiste anns an robh Ticead a' Bhùirdeasaich, bileag a' dearbhadh gun robh Saorsa Inbhir Nis aig neach, air a snaidheadh o phìos daraich le pàtaran Ceilteach. Tha I air a sgeadachadh le suaicheantasan a' Phrionnsa, seallaidhean de dh'Inbhir Nis is Cairngorm air a' mhullach. B' e W B Mac an Tàilleir, seudair air Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis, a rinn i.<br /> <br /> Chleachd am Prionnsa an iuchair gus Roinnean ùra nan Euslainteach-tadhail is X-ghath aig an Ospadal Rìoghail a Tuath fhosgladh. Tha i air a dèanamh le òr, agus tha itean Prionnsa na Cuimrigh air aon taobh is dealbhan rùnach air an taobh eile. Chaidh a dèanamh le D MacRath, seudair ann an Geata an Ear, Inbhir Nis