Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de 4-4-0 Einnsean trèana luchd-siubhail Àireamh 73 "Snaigow" Loidhne-rèile na Gàidhealtachd
EXTERNAL ID
GB232_D501_26
DEIT
1916
LINN
1910an
CRUTHADAIR
The Highland Railway
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8127
KEYWORDS
loidhneachan-rèile
loidhne-rèile na Gàidhealtachd
einnseanan rèile
einnseanan trèana
zoomable

’S e diagram de 4-4-0 Einnsean trèana luchd-siubhail Àireamh 73 "Snaigow" aig Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a tha seo. ’S e cairteal na h-òirlich gu aon troigh an sgèile. ’S e Ant-Samhain 1916 an deit.

San Iuchair 1915 dh’iarr Comataidh nan Locomotaibh aig Rèile na Gàidhealtachd air an àrd-neach-stiùiridh, F.G. Mac a’ Ghobhainn, dealbhachadh airson einnsean 4-4-0 ‘superheated’ coltach ris a’ chlas ‘Loch’ a bh’ ann mu thràth a chur a-steach, airson obrachadh air na trèanaichean puist eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige. Cha deach na h-einnseanan sin a thogail a-riamh oir thug Mac a’ Ghobhainn suas a dhreuchd san t-Sultain a’ bhliadhna sin an dèidh a dhol a-mach air Àrd Innleeadair Catharra a’ chompnaidh, Alexander Newlands, mu dheidhinn locothan clas ‘River’ Mhic a’ Ghobhainn.

Ach, cha deach am beachd a leigeil seachad agus chaidh dealbhachaidhean ùra a chur gun luchd-saotharachaidh, Hawthorn, Leslie leis an neach a thàinig às deidh Mac a’ Ghobhainn, Crìsdean Cuimein. Chaidh an t-òrdugh a chuir a-steach tràth ann an 1916 agus fhuairear na h-einnseanan ro dheireadh na bliadhna. Fhuair iad na h-àireamhan 73 & 74 agus an ainmeachadh ‘Snaigown’ agus ‘Durn an dèidh àiteachan- còmhaidh dithis de luchd-stiùiridh a’ chompnaidh (W.H. Cox à Snaigow Mòrthaidh; agus A.E. Pullar à Durn, Peairt)

Bha cuibhlichean dùbailte 6 troighean agus 3 òirlich anns na h-einnseanan sin agus bha faisg air 55 tunna anta. An toiseach bha na goileadairean a bh’ annta air am bruthadh gu 160 ib psi ach chaidh seo a mheudachadh gu 175 lb psi ann an1922.

Ghluais an dà loco gu sealbh LMS agus fhuair iad an Seòrsachadh Cumhachd ‘3p’. Chaidh an ath-àireamhachadh 14522 (73) agus 14523 (74) agus lean iad orra ag obair air an loidhna tuath air Inbhir Nis gu deireadh na 1920an. Bho 1929 b’ ann a-mach à seada an Aghaidh Mhòir bu mhotha a bha iad ag obair gus an deach ‘Durn’ a thoirt a-mach à seirbheis ann an 1935, agus ‘Snaigow’ an ath bhliadhna.

Tuilleadh Leughaidh:
"Highland Railway Locomotives" le Cormack & Stevenson (1990)
"History of Highland Locomotives" le Tatlow (1989)

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun seo agus an cruinneachadh dom buin e, mas e ur toil e email Seirbheis Tasglann na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de 4-4-0 Einnsean trèana luchd-siubhail Àireamh 73 "Snaigow" Loidhne-rèile na Gàidhealtachd

1910an

loidhneachan-rèile; loidhne-rèile na Gàidhealtachd; einnseanan rèile; einnseanan trèana; zoomable

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Highland Railway Society (maps 1)