Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Stèisean Bhaile Chloichridh
EXTERNAL ID
GB232_D501_31
ÀITE
Baile Chloichrigh
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Maoilinn
CRUTHADAIR
London, Midland & Scottish Railway
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8139
KEYWORDS
loidhneachan-rèile
stèiseanan rèile: loidhne-rèile na Gàidhealtachd
zoomable
deilbh leudachail

Tha an dealbh seo de Stèisean Bhaile Chloichrigh agus an sgìre mun cuairt. Chan eil ceann-latha air an dealbhadh seo, ach tha am fo-thiotal "LMS Northern Division, Northern District" ag innse gur dòcha gun deach a dhealbh uaireigin eadar 1923, an uair a chaidh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a ghabhail fo smachd Loidhne-rèile Lunnainn agus Alba, agus 1948, an uair a bha loidhneachan-rèile Bhreatainn air an cur fo smachd an riaghaltais. Chaidh a tharraing dor n-aire o chionn ghoirid gu bheil stad 'Char-a-banc' air a sgrìobhadh air a' mhap agus mar sin, 's ann na b' fhaisge air 1923 a bhiodh a' bhliadhna na 1948.

Chaidh stèisean Bhaile Chloichridh fhosgladh air a' 1mh dhen Ògmhios ann an 1863. Tha seirbheis do luchd-siubhail fhathast a' stad aig an steìsean seo ged a bha e air a dhùnadh do thrèanaichean carago anns an Ògmhios 1983. Tha dà àrd-chabhsair aig an stèisean. Tha seada nan stuthan air a bhith air a leagail ged a tha na loidhneachan-rèile chun an t-seada ann fhathast. Tha na prìomh thogalaichean grinne, an drochaid do luchd-coiseachd, bocsa soidhnichean a tuath agus àrd-chabhsairean fiodha a chaidh a chur ris an àrd-chabhsair aig a' cheann a deas rim faicinn fhathast.

A bharrachd air togalaichean nan stèiseanan a tha air an sealltainn, tha taighean, bùithtean, taighean-òsta agus togalaichean eile, taigh-staile Bhlàr Athaill nam measg sin, air an dealbhadh cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Stèisean Bhaile Chloichridh

PEAIRT: Maoilinn

loidhneachan-rèile; stèiseanan rèile: loidhne-rèile na Gàidhealtachd; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Highland Railway Society (maps 1)

Tha an dealbh seo de Stèisean Bhaile Chloichrigh agus an sgìre mun cuairt. Chan eil ceann-latha air an dealbhadh seo, ach tha am fo-thiotal "LMS Northern Division, Northern District" ag innse gur dòcha gun deach a dhealbh uaireigin eadar 1923, an uair a chaidh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a ghabhail fo smachd Loidhne-rèile Lunnainn agus Alba, agus 1948, an uair a bha loidhneachan-rèile Bhreatainn air an cur fo smachd an riaghaltais. Chaidh a tharraing dor n-aire o chionn ghoirid gu bheil stad 'Char-a-banc' air a sgrìobhadh air a' mhap agus mar sin, 's ann na b' fhaisge air 1923 a bhiodh a' bhliadhna na 1948.<br /> <br /> Chaidh stèisean Bhaile Chloichridh fhosgladh air a' 1mh dhen Ògmhios ann an 1863. Tha seirbheis do luchd-siubhail fhathast a' stad aig an steìsean seo ged a bha e air a dhùnadh do thrèanaichean carago anns an Ògmhios 1983. Tha dà àrd-chabhsair aig an stèisean. Tha seada nan stuthan air a bhith air a leagail ged a tha na loidhneachan-rèile chun an t-seada ann fhathast. Tha na prìomh thogalaichean grinne, an drochaid do luchd-coiseachd, bocsa soidhnichean a tuath agus àrd-chabhsairean fiodha a chaidh a chur ris an àrd-chabhsair aig a' cheann a deas rim faicinn fhathast. <br /> <br /> A bharrachd air togalaichean nan stèiseanan a tha air an sealltainn, tha taighean, bùithtean, taighean-òsta agus togalaichean eile, taigh-staile Bhlàr Athaill nam measg sin, air an dealbhadh cuideachd