Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbhadh de Stèisean Drochaid a' Bhanna ('s Stèisean Àird Ghaoithe a th' air a-nis)
EXTERNAL ID
GB232_D501_40
ÀITE
Àird Gaoithe
SGÌRE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Chàrdainn
CRUTHADAIR
London, Midland & Scottish Railway
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8169
KEYWORDS
loidhneachan-rèile
stèiseanan rèile: loidhne-rèile na Gàidhealtachd
zoomable
deilbh leudachail

'S e dealbhadh de Stèisean Drochaid a' Bhanna a tha seo. Chan eil ceann-latha air an dealbhadh seo ged a tha an tiotal "LMS Scottish Division, Highland District" a' comharrachadh gun deach a dhealbh eadar 1923, an uair a chaidh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a ghabhail fo smachd Loidhne-rèile Lunnainn agus Alba, agus ann an 1948, an uair a bha loidhneachan-rèile Bhreatainn air an cur fo smachd an riaghaltais. Air an 2mh dhen Chèitein 1977, chaidh ainm an stèisean atharrachadh gu Àird Ghaoithe.

An uair a bhathar a' togail an loidhne-rèile bho Inbhir Nis gu ceann a tuath na h-Alba anns na 1860an, bha tòrr smachd aig an fheadhainn leis an robh am fearann air an t-slighe a bha an loidhne-rèile a' gabhail. Air ceann nan uachdarain bha an 3mh Diùc Chataibh. Gus an taobh an iar dhen oighreachd aige fhosgladh rinn e cinnteach gun robh an loidhne-rèile a' leantainn taobh a deas caolas Chataibh agus a-steach chun an Luirg. Mar sin, b' fheudar do Stèisean Drochaid a' Bhanna a bhith air a thogail air taobh thall a' chaolais bho Drochaid a' Bhanna. 'S e Àird Ghaoithe a chaidh a thoirt air an tuineachadh a dh'fhàs mun cuairt air an stèisean.

B' e Drochaid a' Bhanna an ceann-uidhe aig Loidhne-rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois gus an deach cur ris an loidhne le Loidhne-rèile Chataibh a' dol a tuath agus an ear gu ruige Goillspidh. Dh'fhosgail an loidhne air a' 1mh dhen Iuchar 1870 agus tha trèanaichean do luchd-siubhail fhathast ga fhrithealadh ged a sguir trèanaichean carago anns An Fhaoilleach 1984

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbhadh de Stèisean Drochaid a' Bhanna ('s Stèisean Àird Ghaoithe a th' air a-nis)

ROS: Cinn Chàrdainn

loidhneachan-rèile; stèiseanan rèile: loidhne-rèile na Gàidhealtachd; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Highland Railway Society (maps 1)

'S e dealbhadh de Stèisean Drochaid a' Bhanna a tha seo. Chan eil ceann-latha air an dealbhadh seo ged a tha an tiotal "LMS Scottish Division, Highland District" a' comharrachadh gun deach a dhealbh eadar 1923, an uair a chaidh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a ghabhail fo smachd Loidhne-rèile Lunnainn agus Alba, agus ann an 1948, an uair a bha loidhneachan-rèile Bhreatainn air an cur fo smachd an riaghaltais. Air an 2mh dhen Chèitein 1977, chaidh ainm an stèisean atharrachadh gu Àird Ghaoithe.<br /> <br /> An uair a bhathar a' togail an loidhne-rèile bho Inbhir Nis gu ceann a tuath na h-Alba anns na 1860an, bha tòrr smachd aig an fheadhainn leis an robh am fearann air an t-slighe a bha an loidhne-rèile a' gabhail. Air ceann nan uachdarain bha an 3mh Diùc Chataibh. Gus an taobh an iar dhen oighreachd aige fhosgladh rinn e cinnteach gun robh an loidhne-rèile a' leantainn taobh a deas caolas Chataibh agus a-steach chun an Luirg. Mar sin, b' fheudar do Stèisean Drochaid a' Bhanna a bhith air a thogail air taobh thall a' chaolais bho Drochaid a' Bhanna. 'S e Àird Ghaoithe a chaidh a thoirt air an tuineachadh a dh'fhàs mun cuairt air an stèisean.<br /> <br /> B' e Drochaid a' Bhanna an ceann-uidhe aig Loidhne-rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois gus an deach cur ris an loidhne le Loidhne-rèile Chataibh a' dol a tuath agus an ear gu ruige Goillspidh. Dh'fhosgail an loidhne air a' 1mh dhen Iuchar 1870 agus tha trèanaichean do luchd-siubhail fhathast ga fhrithealadh ged a sguir trèanaichean carago anns An Fhaoilleach 1984