Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbhadh de Stèisean Dhùn Chailleann
EXTERNAL ID
GB232_D501_41
ÀITE
Dùn Chailleann
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8173
KEYWORDS
loidhneachan-rèile
stèiseanan rèile: loidhne-rèile na Gàidhealtachd
zoomable
deilbh leudachail

'S e dealbhadh de Stèisean Dhùn Chailleann (b' e Birnam an t-ainm a bh' air an toiseach). Chan eil ceann-latha air an dealbhadh seo idir. 'S e 1 òirleach gu 40 troigh an sgèile air an dealbhadh seo.

Dh'fhosgail Stèisean Dhùn Chailleann, a chaidh a dhealbh le Anndra Heiton, dealbhadair à Peairt, air an 7mh dhen Ghiblean 1856 mar cheann-uidhe airson loidhne-rèile Pheairt agus Dhùn Chailleann. Bha e air a ruith le Loidhne-rèile Scottish Midland Junction. Chaidh seo a ghahail fo smachd Loidhne-rèile Inbhir Nis agus Pheairt anns a' Ghearran 1864 agus chaidh an loidhne a leudachadh a tuath gu Farrais. Tha trèanaichean do luchd-siubhail fhathast a' frithealadh an stèisean ged a sguir trèanaichean cargo anns an Lunastal 1969.

Tha dà àrd-chabhsair aig stèisean Dhùn Chailleann. Tha togalach an stèisean fhathast na sheasamh ach chaidh am mullach fiodh a thoirt air falbh bho chionn iomadach bliadhna. Tha seann lampa ri taobh na drochaid-coiseachd le ainm na companaidh air (b' e seo an stèisean mu dheireadh ann an Alba anns an robh an solas a' tighinn bho ghas) agus tha am bocsa soidhne a deas fhathast ann cuideachd. Tha soidhne Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a bha ann thùs fhathast aig a' cheann a deas. Tha na h-àrd-chabhsairean nas ìsle na an àbhaist.

Chaidh ainm an stèisean atharrachadh mòran thursan thar nam bliadhna. B' e Biornam a bh' air an stèisean chun a' 1mh dhen Dùbhlachd 1861 an uair a chaidh ainm atharrachadh gu Dùn Chailleann. Air a' 1mh dhen Fhaoilleach 1903 chaidh an t-ainm atharrachadh gu Dùn Chailleann agus Biornam. Chaidh an t-ainm atharrachadh a-rithist gu Dùn Chailleann anns na 1970an agus an uairsin chaidh a thilleadh gu Dùn Chailleann agus Biornam.

Tha Dùn Chailleann agus Biornam mu choinneamh a chèile air gach taobh de dh'Abhainn Tàtha. Tha Bornam air an taobh a deas agus tha Dùn Chailleann air an taobh a tuath. Tha an stèisean nas fhaisge air Biornam

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbhadh de Stèisean Dhùn Chailleann

PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh

loidhneachan-rèile; stèiseanan rèile: loidhne-rèile na Gàidhealtachd; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Highland Railway Society (maps 1)