Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-cunntais aig MacDhòmhnaill & Moireasdan, Bròcairean Shoithichean is Bhàtaichean-smùid, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB232_D594A_MACDONALD_MORRISON
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1918
LINN
1910an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8189
KEYWORDS
cunntasan
cunntais
bàtaichean
Billhead of Macdonald & Morrison, Ship & Steamer Brokers, Inverness

'S e seo an ceann-cunntais aig MacDhòmhnaill & Moireasdan, bròcairean shoithichean is bhàtaichean-smùid. Chaidh an cunntas a sgrìobhadh an 6mh Dùbhlachd 1918, gu Tèodor Caimbeul Uas. 'S e companaidh a bha cuideachd nam marsantaich de ghual is de shaimeant a bh' ann agus 's ann aig 37 Sràid na h-Eaglais, Inbhir Nis, a bha MacDhòmhnaill & Moireasdan.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàird agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-cunntais aig MacDhòmhnaill & Moireasdan, Bròcairean Shoithichean is Bhàtaichean-smùid, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

cunntasan; cunntais; bàtaichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

'S e seo an ceann-cunntais aig MacDhòmhnaill & Moireasdan, bròcairean shoithichean is bhàtaichean-smùid. Chaidh an cunntas a sgrìobhadh an 6mh Dùbhlachd 1918, gu Tèodor Caimbeul Uas. 'S e companaidh a bha cuideachd nam marsantaich de ghual is de shaimeant a bh' ann agus 's ann aig 37 Sràid na h-Eaglais, Inbhir Nis, a bha MacDhòmhnaill & Moireasdan.<br /> <br /> Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàird agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca