Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cill Targhlain, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB232_D928_C_III_05_02
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8260
KEYWORDS
eachdraidhean teaghlaich
sloinneadh
bothan
oifigearan meadaigeach
lannsairean
Kiltaraglen, Portree, Isle of Skye

'S cinnteach gur ann de Bhothan Chill Targhlain faisg air Port Rìgh, a tha an dealbh seo leis an tiotal 'A specimen of Skye Palace'. B' e an dachaigh aig an Dr Lachlann Màrtainn MacMhathain a bh'ann an Cill Targhlain. Bha Dr. MacMhathain a' leantainn a dhreuchd ann am Port Rìgh fad barrachd air 52 bliadhna agus bha e na oifigeir meadaigeach airson parraistean Chille Mhoire, Snìosort agus Port Rìgh. Bha e cuideachd na lannsair do Chompanaidh Saor-thoileach Phort Rìgh de na Camshronaich.Tha an dealbh na pàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an Dr. Lachlann Màrtainn MacMhathain na shinn sheanar do Mhitchell.

'S ann à Inbhir Nis a bha an Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r.13 Ògmhios 1929) agus 's e an dotair iomraiteach, Lachlann Mitchell, a b' athair dha. Chaidh Seumas a shuidheachadh na shiorraidh làn-ùine ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus rinn e seirbheis an sin gun do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Bhàsaich e air an t-26mh dhen t-Samhainn 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cill Targhlain, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

eachdraidhean teaghlaich; sloinneadh; bothan; oifigearan meadaigeach; lannsairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (photographs)

'S cinnteach gur ann de Bhothan Chill Targhlain faisg air Port Rìgh, a tha an dealbh seo leis an tiotal 'A specimen of Skye Palace'. B' e an dachaigh aig an Dr Lachlann Màrtainn MacMhathain a bh'ann an Cill Targhlain. Bha Dr. MacMhathain a' leantainn a dhreuchd ann am Port Rìgh fad barrachd air 52 bliadhna agus bha e na oifigeir meadaigeach airson parraistean Chille Mhoire, Snìosort agus Port Rìgh. Bha e cuideachd na lannsair do Chompanaidh Saor-thoileach Phort Rìgh de na Camshronaich.Tha an dealbh na pàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an Dr. Lachlann Màrtainn MacMhathain na shinn sheanar do Mhitchell. <br /> <br /> 'S ann à Inbhir Nis a bha an Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r.13 Ògmhios 1929) agus 's e an dotair iomraiteach, Lachlann Mitchell, a b' athair dha. Chaidh Seumas a shuidheachadh na shiorraidh làn-ùine ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus rinn e seirbheis an sin gun do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Bhàsaich e air an t-26mh dhen t-Samhainn 2001