- TIOTAL
- Eaglais an Naoimh Anndra, A' Chananaich
- EXTERNAL ID
- GB232_DG_FORTROSE_141
- ÀITE
- A' Chananaich
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ros Mhaircnidh
- DEIT
- 1905
- LINN
- 1900an
- CRUTHADAIR
- Ross & Macbeth
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8269
- KEYWORDS
- ailtireachd
planaichean
togalaichean
àite baistidh
dealbhan ailtireil
zoomable
deilbh leudachail
'S e seo na planaichean airson àite baistidh a chur ri Eaglais Easbaigeach an Naoimh Anndra sa Chananaich. 'S ann le clach shreathail Ashlar (blocan mòra cloiche le aghaidhean còmhnard is oirean ceàrnagach) a chaidh an eaglais a thogail ann an 1828. 'S e na h-ailtirean Rosach & MacBeatha a dheilbh an t-àite baistidh ann an 1904 is an seansail (chancel) ann an 1907.
Tha na planaichean a-measg chlàran Cùirt Deadhain Inbhir Nàrann. Thòisich na cùirtean seo anns na meadhan aoisean. 'B e buidheann de mharsantan cumhachdach a' bhaile a bh' ann an comann mar seo (guild). Bha dreuchd coltach ri dreuchd maighstir lagha aig a' cheannard aca, air an robh an Deadhan no Dean. Bha na cùirtean seo a' toirt gu buil riaghailtean mu thogalaichean, rud a tha roinn smachd togail nan ùghdarras ionadail a' dèanamh an-diugh. Dh'fheumadh planaichean airson thogalaichean ùra no airson leasachaidhean air togalaichean, a dhol gu Cùirt an Deadhain airson aonta