Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-fuine Bhurnett: plana den chiad làr
EXTERNAL ID
GB232_DG_INV_BUR
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1929
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8276
KEYWORDS
ailtireachd
planaichean
togalaichean
bèicearan
taighean-fuine
zoomable
deilbh leudachail

Tha am plana seo bho 1929 agus tha e a' sealltainn leasachadh is atharrachadh air Taigh-fuine Bhurnett. Tha am plana a' sealltainn an leasachaidh a tha san amharc airson an taigh-fhuine agus an t-seòmair-chofaidh. Chaidh a tharraing ann an 1929 le Tòmas J Rothach, ailtire agus neach-tomhais, 62 Sràid an Acadamaidh, Inbhir Nis. Bha aig planaichean airson thogalaichean ùra no atharrachaidhean ri togalaichean eile ri dhol gu Cùirt an Deadhain airson aonta.

'S ann à Dùn Deagh a bha Bràithrean Burnett a ghabh thairis gnothachas bèicearachd aig Uilleam Milne 's a Mhic, 29 Sràid Àrd, Inbhir Nis, san Dàmhair 1987. Tha sanas-reic on Ghiblean 1922 ag innse gur ann aig 53 Sràid Àrd a bha iad an uair sin, ach ro dheireadh na bliadhna sin bha iad air bùth ùr ann an Sràid na h-Acadamaidh fhosgladh. San àite ùr seo bha dà rùm bèicearachd air am fìor uidheamachadh, rùm ithe, rùm tea, agus rùm cofaidh is smocaidh.

Ann an 1928 fhuair Bràithrean Burnett cead an togalach aig 44 & 46 Sràid na h-Acadamaidh a leudachadh agus atharrachadh. Chaidh an taigh-fuin agus a' bhùth-aghaidh a leudachadh, agus chaidh rùm ithe/cruinneachaidh a chruthachadh air a' chiad lobhta. Chaidh cidsin ùr a chur ann cuideachd. Ann an 1935, chaidh cead a thoirt dhaibh taigh bèicearachd a thogail air Rathad an Longman. Chaidh Burnett's a cheannach mu dheireadh leis na Bèicearachdan Breatannach agus dhùin e ann an 1999.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-fuine Bhurnett: plana den chiad làr

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

ailtireachd; planaichean; togalaichean; bèicearan; taighean-fuine; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Dean of Guild Plans

Tha am plana seo bho 1929 agus tha e a' sealltainn leasachadh is atharrachadh air Taigh-fuine Bhurnett. Tha am plana a' sealltainn an leasachaidh a tha san amharc airson an taigh-fhuine agus an t-seòmair-chofaidh. Chaidh a tharraing ann an 1929 le Tòmas J Rothach, ailtire agus neach-tomhais, 62 Sràid an Acadamaidh, Inbhir Nis. Bha aig planaichean airson thogalaichean ùra no atharrachaidhean ri togalaichean eile ri dhol gu Cùirt an Deadhain airson aonta.<br /> <br /> 'S ann à Dùn Deagh a bha Bràithrean Burnett a ghabh thairis gnothachas bèicearachd aig Uilleam Milne 's a Mhic, 29 Sràid Àrd, Inbhir Nis, san Dàmhair 1987. Tha sanas-reic on Ghiblean 1922 ag innse gur ann aig 53 Sràid Àrd a bha iad an uair sin, ach ro dheireadh na bliadhna sin bha iad air bùth ùr ann an Sràid na h-Acadamaidh fhosgladh. San àite ùr seo bha dà rùm bèicearachd air am fìor uidheamachadh, rùm ithe, rùm tea, agus rùm cofaidh is smocaidh. <br /> <br /> Ann an 1928 fhuair Bràithrean Burnett cead an togalach aig 44 & 46 Sràid na h-Acadamaidh a leudachadh agus atharrachadh. Chaidh an taigh-fuin agus a' bhùth-aghaidh a leudachadh, agus chaidh rùm ithe/cruinneachaidh a chruthachadh air a' chiad lobhta. Chaidh cidsin ùr a chur ann cuideachd. Ann an 1935, chaidh cead a thoirt dhaibh taigh bèicearachd a thogail air Rathad an Longman. Chaidh Burnett's a cheannach mu dheireadh leis na Bèicearachdan Breatannach agus dhùin e ann an 1999.