Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fùirneis Sràid an Ròis - bathar-thaighean ùra
EXTERNAL ID
GB232_DG_INV_FOUND_2_1
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Ross & Macbeth
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8312
KEYWORDS
fùirneisean
ailtireachd
planaichean
dealbhan
zoomable
deilbh leudachail

'S e na h-ailtirean Ros is MacBheatha à Seòmraichean Geata na Banrìgh, Inbhir Nis, a rinn am plana seo airson bathar-thaighean ùra airson Fùirneis Sràid an Ròis ann an 1893. Chaidh a thoirt dhan Deadhan, Raibeart Cook, oir bha aigesan ri aonta a thoirt do thogalach ùr no leasachadh air togalach a bh' ann mar-thà. Tha am plana a' sealltainn aghaidh is cliathaich an togalaich.

Chaidh an fhùirneis a stèidheachadh ann an 1872. 'S e 'The Northern Agricultural Implement and Foundry Company Limited' a bh' air an toiseach. A thuilleadh air innealan àiteachais a dhèanamh, bhathar ag obair air Rèile na Gaidhealtachd is a' dèanamh obair-iarainn airson thogalaichean a bh' air an deilbh leis an ailtire Alasdair Ros. Anns an Dara Cogadh, bha pàirt cudthromach aig a' chompanaidh, air an robh an uair sin 'A-I Electric Welding Machines Ltd.', ann an ionnsaighean airm air Là-D, oir 's ann on chompanaidh a thàinig na h-innealan tàthaidh a chaidh a chleachdadh ann an Iomairt PLUTO (Pipe Line Under The Ocean). Bha a' phìob seo, le còir is 100,000 tàth, air a tionndadh mu dhruma mhòr is air a cur fon mhuir eadar Breatainn is An Fhraing gus connadh a thoirt dhan arm

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fùirneis Sràid an Ròis - bathar-thaighean ùra

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

fùirneisean; ailtireachd; planaichean; dealbhan; zoomable; deilbh leudachail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Dean of Guild Plans

'S e na h-ailtirean Ros is MacBheatha à Seòmraichean Geata na Banrìgh, Inbhir Nis, a rinn am plana seo airson bathar-thaighean ùra airson Fùirneis Sràid an Ròis ann an 1893. Chaidh a thoirt dhan Deadhan, Raibeart Cook, oir bha aigesan ri aonta a thoirt do thogalach ùr no leasachadh air togalach a bh' ann mar-thà. Tha am plana a' sealltainn aghaidh is cliathaich an togalaich.<br /> <br /> Chaidh an fhùirneis a stèidheachadh ann an 1872. 'S e 'The Northern Agricultural Implement and Foundry Company Limited' a bh' air an toiseach. A thuilleadh air innealan àiteachais a dhèanamh, bhathar ag obair air Rèile na Gaidhealtachd is a' dèanamh obair-iarainn airson thogalaichean a bh' air an deilbh leis an ailtire Alasdair Ros. Anns an Dara Cogadh, bha pàirt cudthromach aig a' chompanaidh, air an robh an uair sin 'A-I Electric Welding Machines Ltd.', ann an ionnsaighean airm air Là-D, oir 's ann on chompanaidh a thàinig na h-innealan tàthaidh a chaidh a chleachdadh ann an Iomairt PLUTO (Pipe Line Under The Ocean). Bha a' phìob seo, le còir is 100,000 tàth, air a tionndadh mu dhruma mhòr is air a cur fon mhuir eadar Breatainn is An Fhraing gus connadh a thoirt dhan arm