Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt-aithneachaidh Clàradh Nàiseanta
EXTERNAL ID
Z_PC_WD_NM_008
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
8339
KEYWORDS
Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
An Dàrna Cogadh
An Dara Cogadh
cairt-aithneachaidh
cairtean-aithneachaidh
Freiceadan na Dùthcha
National Registration Identity Card

Seo taobh a-staigh cairt-aithneachaidh an Dàrna Cogaidh. Thug an riaghaltas Cairtean-aithneachaidh Clàradh Nàiseanta a-steach fo Achd a' Chlàraidh Nàiseanta 1939. An toiseach, bha cairtean-aithneachaidh nan inbheach donn, an aon dath ri cairtean na cloinne, ach ann an 1943 thugadh a-steach cairt ghorm airson inbheach.

Dh'fheumadh saoranaich gu lèir, clann cuideachd, cairt-aithneachaidh a ghiùlan fad na h-ùine airson sealltainn cò iad agus càit an robh iad a' fuireach. Air a' chairt-aithneachaidh bha ainm an duine, an seòladh aige an-dràsta agus seòlaidhean a bh' air a bhith aige roimhe. Fhuair gach duine àireamh Clàraidh Nàiseanta a bha sgrìobhte air taobh a-staigh na cairt. Bhiodh an oifis clàraidh ionadail a' cur stampa oirre airson a dèanamh èifeachdach.

Bha aithneachadh deatamach gun fhios nach biodh teaghlaichean air an sgaradh aig àm bomaidh air neo nam biodh a' chlann air an às-fhalamhachadh gu sgìre eile dhen dùthaich. Dh'fheumadh daoine na cairtean-aithneachaidh aca a shealltainn còmhla ris an leabhran-cuibhreannachaidh nuair a bhiodh iad ag iarraidh an cuid de bhiadh no de dh'aodach.

Chaidh an sgeama chairtean-aithneachaidh a bh' aig Breatainn an àm a' chogaidh à bith ann an 1952.

Chaidh a' chairt-aithneachaidh seo a thoirt seachad le Uilleam Shand; rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann agallamh ris mar phàirt de phròiseact Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh ann an 2005

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt-aithneachaidh Clàradh Nàiseanta

1940an

Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh; An Dàrna Cogadh; An Dara Cogadh; cairt-aithneachaidh; cairtean-aithneachaidh; Freiceadan na Dùthcha

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (documents)