Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt-aithneachaidh Clàradh Nàiseanta
EXTERNAL ID
Z_PC_WD_NM_009
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
8340
KEYWORDS
Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
An Dàrna Cogadh
An Dara Cogadh
cairt-aithneachaidh
cairtean-aithneachaidh
Freiceadan na Dùthcha
National Registration Identity Card

Seo còmhdach a-muigh cairt-aithneachaidh an Dàrna Cogaidh. Thug an riaghaltas Cairtean-aithneachaidh Clàradh Nàiseanta a-steach fo Achd a' Chlàraidh Nàiseanta 1939. An toiseach, bha cairtean-aithneachaidh nan inbheach donn, an aon dath ri cairtean na cloinne, ach ann an 1943 thugadh a-steach cairt ghorm airson inbheach.

Air cùl na cairt-aithneachaidh tha sanas don neach leis a bheil i:

1. Always carry your Identity Card. You must produce it on demand by a Police Officer in uniform or member of HM Armed Forces in uniform on duty.
2. You are responsible for this Card, and must not part with it to any other person. You must report at once to the local National Registration Office if it is lost, destroyed, damaged or defaced.
3. If you find a lost Identity Card or have in your possession a Card not belonging to yourself or anyone in your charge you must hand it in at once at a Police Station or National Registration Office.
4. Any breach of these requirements is an offence punishable by a fine or imprisonment or both.

Dh'fheumadh saoranaich gu lèir, clann cuideachd, cairt-aithneachaidh a ghiùlan fad na h-ùine airson sealltainn cò iad agus càit an robh iad a' fuireach. Air a' chairt-aithneachaidh bha ainm an duine, an seòladh aige an-dràsta agus seòlaidhean a bh' air a bhith aige roimhe. Fhuair gach duine àireamh Clàraidh Nàiseanta a bha sgrìobhte air taobh a-staigh na cairt. Bhiodh an oifis clàraidh ionadail a' cur stampa oirre airson a dèanamh èifeachdach.

Bha aithneachadh deatamach gun fhios nach biodh teaghlaichean air an sgaradh aig àm bomaidh air neo nam biodh a' chlann air an às-fhalamhachadh gu sgìre eile dhen dùthaich. Dh'fheumadh daoine na cairtean-aithneachaidh aca a shealltainn còmhla ris an leabhran-cuibhreannachaidh nuair a bhiodh iad ag iarraidh an cuid de bhiadh no de dh'aodach.

Chaidh an sgeama chairtean-aithneachaidh a bh' aig Breatainn an àm a' chogaidh à bith ann an 1952.

Chaidh a' chairt-aithneachaidh seo a thoirt seachad le Uilleam Shand; rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann agallamh ris mar phàirt de phròiseact Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh ann an 2005

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt-aithneachaidh Clàradh Nàiseanta

1940an

Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh; An Dàrna Cogadh; An Dara Cogadh; cairt-aithneachaidh; cairtean-aithneachaidh; Freiceadan na Dùthcha

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (documents)