Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhran Aodaich 1947-48
EXTERNAL ID
Z_PC_WD_WS_009
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
8345
KEYWORDS
Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
An Dàrna Cogadh
An Dara Cogadh
cuibhreannan
cuibhreannachadh
ticeadan
bileagan
Freiceadan na Dùthcha
Clothing Book 1947-48

Seo eisimpleir de leabhran-cuibhreannachaidh aodaich a bha air a chleachdadh goirid an dèidh an Dàrna Cogaidh. Rè a' chogaidh dh'fhàs e duilich aodach a thoirt a-steach bho thall thairis agus dh'fheumadh luchd-saothrachaidh aodach Breatannach na gheibheadh iad de stuth a chleachdadh airson pharaisiutan agus èideadh dha na Feachdan Armaichte seach aodach airson nan daoine cumanta. Mar thoradh air seo, dh'fheumadh aodach a bhith air a chuibhreannachadh bhon Ògmhios 1941.

Chaidh leabhran-cuibhreannachaidh le ticeadan a chur a-mach gu gach duine is boireannach is leanabh ann am Breatainn; cha robh luach airgid anns na ticeadan ach bha iad mar mheadhan air dèanamh cinnteach gun d' fhuair a h-uile duine cuibhreann cothromach de na bha ri fhaotainn. Ann an 1941 bha gach duine a' faighinn 66 ticeadan aig a' chuid as motha, 's bha seo co-ionann ri aon trusgan iomlan. Bheireadh fear na bùtha na ticeadan às an leabhran mus toireadh e seachad an stuth.

Air chor 's gum biodh cho beag 's a b' urrainn a' dol a dholaidh, bha daoine air am brosnachadh gus 'make do and mend' a dhèanamh agus aodach cloinne a bha a-nis ro bheag a chur air leanabh na b' òige. Bha aodach sònraichte neo-shòghail air a dhèanamh le cho beag 's a b' urrainn de stuth. Bhiodh rudan mar dhreasaichean bainnse a' dol bho dhuine gu duine san teaghlach agus am measg charaidean 's iad air an cleachdadh barrachd is aon uair.

Ged a thàinig an cogadh gu crìch ann an 1945, bha gainnead rudan ann airson greis an dèidh sin. Lean cuibhreannachadh aodaich suas gu 1949 agus cuibhreannachadh bìdh gu 1952

Chaidh an leabhran-cuibhreannachaidh aodaich seo a thoirt seachad le Uilleam Shand; rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Nàrann agallamh leis mar phàirt de phròiseact Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh ann an 2005

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhran Aodaich 1947-48

1940an

Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh; An Dàrna Cogadh; An Dara Cogadh; cuibhreannan; cuibhreannachadh; ticeadan; bileagan; Freiceadan na Dùthcha

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (documents)