Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-cunntais aig Caimbeul & Co, a' Mhanachainn
EXTERNAL ID
GB232_HC_D594_CAMPBELL
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
DEIT
1920
LINN
1920an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8351
KEYWORDS
stòran
bùithtean
cunntasan
cunntais
bùidsearan
clò
clò mòr
teaghlach rìoghail
Billhead of Campbelll & Co, Beauly

'S e seo an ceann-cunntais aig Caimbeul & Co. Taigh Gàidhealach a' Chlò sa Mhanachainn. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas an 21mh Samhain, 1920. Tha an ceann-reic a' moladh 'Real Harris. Shetland & Homespun Tweeds. Real Vicuna & Lovat Tweeds.'

Tha a' chomharra-cheàrd air an taobh chlì ag innse gu bheil a' bhùth 'under Royal and Imperial Patronage'. Bhiodh marsantaich aig an robh barantas rìoghail a' solarachadh bhathar do dh'àrd-fheadhainn san Teaghlach Rìoghail. Stèidhichte ann an 1858 bha an 'Highland Tweed House' ainmeil airson bathar agus seirbhisean a sholarachadh don Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrigh. Tha a' bhùth, Caimbeulaich na Manachainn, fhathast a' dol an-diugh.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-cunntais aig Caimbeul & Co, a' Mhanachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1920an

stòran; bùithtean; cunntasan; cunntais; bùidsearan; clò; clò mòr; teaghlach rìoghail

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

'S e seo an ceann-cunntais aig Caimbeul & Co. Taigh Gàidhealach a' Chlò sa Mhanachainn. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas an 21mh Samhain, 1920. Tha an ceann-reic a' moladh 'Real Harris. Shetland & Homespun Tweeds. Real Vicuna & Lovat Tweeds.'<br /> <br /> Tha a' chomharra-cheàrd air an taobh chlì ag innse gu bheil a' bhùth 'under Royal and Imperial Patronage'. Bhiodh marsantaich aig an robh barantas rìoghail a' solarachadh bhathar do dh'àrd-fheadhainn san Teaghlach Rìoghail. Stèidhichte ann an 1858 bha an 'Highland Tweed House' ainmeil airson bathar agus seirbhisean a sholarachadh don Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrigh. Tha a' bhùth, Caimbeulaich na Manachainn, fhathast a' dol an-diugh.<br /> <br /> Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca