Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-cunntais aig Seumas Friseal, Dèanadairean Dhìollaidean & Uidheaman-eich, Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
GB232_HC_D594_FRASER_SADDLES
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1912
LINN
1910an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8355
KEYWORDS
bùithean
cunntasan
cunntais
pàipearan-reic
diollaidean marcachd
acainn eich
dìollaidean fèidh
Billhead of James Fraser, Saddle & Harness Maker, Dingwall

'S e seo an ceann-cunntais aig Seumas Friseal, Dèanadairean de Dhìollaidean & Uidheaman-eich. 'S ann aig 10 Sràid Àrd, Inbhir Pheofharain a bha a' chompanaidh, a chaidh a stèidheachadh an 1817. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas airson R.J. Bowerman, Uas ann an Samhain,1912. Tha an dealbh air an taobh chlì le each ann, na shanas-reic mu cheàrd na companaidh.

Tha an ceann-cunntais ag ràdh 'inventor of the patent combination deer and riding saddle'. Bha dìollaidean fèidh air an cleachdadh gus fèidh a chaidh an lorg 's am marbhadh a ghiùlan far nam beanntan. Bha an dìollaid dà-fheum seo diofraichte ris an dìollaid àbhaisteach san dòigh a bha i air a lìonadh le dinneadh tiugh agus bha beàrnan ri a beulaibh 's ri a cùlaibh. Bha iallan oirre cuideachd a bhiodh a' ceangal agus a' cothromachadh nam fèidh air an dìollaid.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-cunntais aig Seumas Friseal, Dèanadairean Dhìollaidean & Uidheaman-eich, Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1910an

bùithean; cunntasan; cunntais; pàipearan-reic; diollaidean marcachd; acainn eich; dìollaidean fèidh

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

'S e seo an ceann-cunntais aig Seumas Friseal, Dèanadairean de Dhìollaidean & Uidheaman-eich. 'S ann aig 10 Sràid Àrd, Inbhir Pheofharain a bha a' chompanaidh, a chaidh a stèidheachadh an 1817. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas airson R.J. Bowerman, Uas ann an Samhain,1912. Tha an dealbh air an taobh chlì le each ann, na shanas-reic mu cheàrd na companaidh.<br /> <br /> Tha an ceann-cunntais ag ràdh 'inventor of the patent combination deer and riding saddle'. Bha dìollaidean fèidh air an cleachdadh gus fèidh a chaidh an lorg 's am marbhadh a ghiùlan far nam beanntan. Bha an dìollaid dà-fheum seo diofraichte ris an dìollaid àbhaisteach san dòigh a bha i air a lìonadh le dinneadh tiugh agus bha beàrnan ri a beulaibh 's ri a cùlaibh. Bha iallan oirre cuideachd a bhiodh a' ceangal agus a' cothromachadh nam fèidh air an dìollaid. <br /> <br /> Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca