Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-cunntais aig J. Greumach & Co, Luchd-dèanamh Ghunnaichean is Raidhfilean, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB232_HC_D594_GRAHAM
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1918
LINN
1910an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8357
KEYWORDS
cunntasan
gunnaichean
spòrs
sealg
Billhead of J. Graham & Co, Gun & Rifle Makers, Inverness

'S e seo an ceann-cunntais aig J. Greumach & Co, Inbhir Nis. Tha an ceann-cunntais ag ìnnse mar a bha a' bhùth suidhichte aig 27 Sràid an Aonaidh, Inbhir Nis agus mar a fhreagradh iad 'every sporting requisite'. Bha iad gu h-àraid an sàs ann an dèanamh de ghunnaichean is raidhfilean agus, mar a tha an dealbh air a' cheann-chunntais a' sealltainn, bhiodh iad cuideachd a' dèanamh shlatan-iasgaich is ruidhlichean is uidheam iasgaich cuideachd. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas an 17mh Lùnastail, 1918.

Stèidhichte ann an 1857, tha a' bhùth fhathast a' dol gu làidir ach 's ann air Sràid a' Chaisteil a tha i an-diugh.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-cunntais aig J. Greumach & Co, Luchd-dèanamh Ghunnaichean is Raidhfilean, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

cunntasan; gunnaichean; spòrs; sealg

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

'S e seo an ceann-cunntais aig J. Greumach & Co, Inbhir Nis. Tha an ceann-cunntais ag ìnnse mar a bha a' bhùth suidhichte aig 27 Sràid an Aonaidh, Inbhir Nis agus mar a fhreagradh iad 'every sporting requisite'. Bha iad gu h-àraid an sàs ann an dèanamh de ghunnaichean is raidhfilean agus, mar a tha an dealbh air a' cheann-chunntais a' sealltainn, bhiodh iad cuideachd a' dèanamh shlatan-iasgaich is ruidhlichean is uidheam iasgaich cuideachd. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas an 17mh Lùnastail, 1918.<br /> <br /> Stèidhichte ann an 1857, tha a' bhùth fhathast a' dol gu làidir ach 's ann air Sràid a' Chaisteil a tha i an-diugh.<br /> <br /> Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca