Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-cunntais aig Taigh-òsta an Lovat Arms sa Mhanachainn
EXTERNAL ID
GB232_HC_D594_LOVAT_ARMS
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
DEIT
1911
LINN
1910an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8359
KEYWORDS
cunntasan
cunntais
Taigh-òsta Lovat Arms
Mathews & Lawrie
Friseal
Billhead of Lovat Arms Hotel, Beauly

'S e seo an ceann-cunntais aig Taigh-òsta an Lovat Arms sa Mhanachainn. Chaidh an cunntas a chur a-mach ann an 1911agus tha e 'g ràdh gur ann le J.W. MacRath a tha an taigh-òsta. Tha dealbh an taigh-òsta na shanas-reic a tha ag ìnnse mu obair na companaidh. Chaidh Taigh-òsta an Lovat Arms a thogail ann an 1871 le ailtirean Mathews & Lawrie, agus an-diugh 's ann le teaghlach Friseal a tha e, an cinneadh as pailt san sgìre.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-cunntais aig Taigh-òsta an Lovat Arms sa Mhanachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1910an

cunntasan; cunntais; Taigh-òsta Lovat Arms; Mathews & Lawrie; Friseal

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

'S e seo an ceann-cunntais aig Taigh-òsta an Lovat Arms sa Mhanachainn. Chaidh an cunntas a chur a-mach ann an 1911agus tha e 'g ràdh gur ann le J.W. MacRath a tha an taigh-òsta. Tha dealbh an taigh-òsta na shanas-reic a tha ag ìnnse mu obair na companaidh. Chaidh Taigh-òsta an Lovat Arms a thogail ann an 1871 le ailtirean Mathews & Lawrie, agus an-diugh 's ann le teaghlach Friseal a tha e, an cinneadh as pailt san sgìre.<br /> <br /> Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca