Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-cunntais aig Stòran a' Phioneer, Aiseag a' Chaoil, Loch Aills
EXTERNAL ID
GB232_HC_D594_PIONEER_STORES
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1910
LINN
1910an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8361
KEYWORDS
cunntasan
cunntais
stòran
bùithtean
Billhead of Pioneer Stores, Kyle Ferry, Lochalsh

'S e seo an ceann-cunntais aig Stòran a' Phioneer, a bha air a' Phrìomh Shràid ann an Caol Loch Aills. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas air an 20mh Samhain, 1910.

Bha Stòran a' Phioneer ann an togalach de dh'iarainn liorcach agus 's ann le Alasdair MacRath a bha e, fear a dh'aithnichear mar 'Pie' no am Pioneer. Bha esan greis a' fuireach ann am Port an t-Sròim, ach ghluais e dhan Chaol nuair a ràinig an rèile am baile sin. Bha an nighean aige, Johann, ag obair sa bhùth fad iomadh bliadhna. Bha ainm aig Stòran a' Phioneer gun reiceadh iad rud sam bith 'eadar snàthad is acair'.

Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas agus na chuidhteas, bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-cunntais aig Stòran a' Phioneer, Aiseag a' Chaoil, Loch Aills

ROS: Loch Aillse

1910an

cunntasan; cunntais; stòran; bùithtean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

'S e seo an ceann-cunntais aig Stòran a' Phioneer, a bha air a' Phrìomh Shràid ann an Caol Loch Aills. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas air an 20mh Samhain, 1910.<br /> <br /> Bha Stòran a' Phioneer ann an togalach de dh'iarainn liorcach agus 's ann le Alasdair MacRath a bha e, fear a dh'aithnichear mar 'Pie' no am Pioneer. Bha esan greis a' fuireach ann am Port an t-Sròim, ach ghluais e dhan Chaol nuair a ràinig an rèile am baile sin. Bha an nighean aige, Johann, ag obair sa bhùth fad iomadh bliadhna. Bha ainm aig Stòran a' Phioneer gun reiceadh iad rud sam bith 'eadar snàthad is acair'.<br /> <br /> Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas agus na chuidhteas, bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàrd agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca