Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeama-togail Àireamh 1, Loch Slòigh, Loch Mòrair agus Loch Aillse - Mapa
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_1_003_013_MAP
ÀITE
Lochaillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1945
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgithanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8364
KEYWORDS
dealan-uisge
ath-thogail
dàmanan
lochan tasgaidh
Drochaid Nosdaidh

Bha am mapa seo na phàirt den chlàr Constructional Scheme No 1 anns an robh fios mionaideach mu thrì pròiseictean mòra dealain-uisge a bha bha rin togail ann an ceann a tuath na h-Alba, le obair a' tòiseachadh ann an 1946. Tha an Sgeama seo a' dèiligeadh ri Loch Slòigh, Loch Mòrair agus Loch Aillse. Air a' mhapa seo de Loch Aillse, tha iad air an comharrachadh le àireamhan orra, gan sealltainn ann an òrdugh togail. B' e damaichean air an togail tarsainn Allt Ghleann Udalain gus lochan-stòraidh a chruthachadh a bh' ann an àireamh 1 agus àireamh 2. B'e slighe-uisge a bh' ann an àireamh 3 agus b' e stèisean-dealain ann an Nostaidh àireamh 4.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region". Dh'innis e do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh 'gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaiteach agus poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd, mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic don ghrid nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' cruthachadh dealain.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeama-togail Àireamh 1, Loch Slòigh, Loch Mòrair agus Loch Aillse - Mapa

ROS: Loch Aillse

1940an

dealan-uisge; ath-thogail; dàmanan; lochan tasgaidh; Drochaid Nosdaidh