Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
teisteanas Roinn Foghlaim na h-Alba
EXTERNAL ID
Z_PC_WGORDON3_001_002
DEIT
1900
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
8367
KEYWORDS
foghlam
teisteanas
teisteanasan
roinnean foghlaim
Roinn Foghlaim na h-Alba
teisteanasan
sgoiltean
An Ridire Eanraig Craik
Scotch Education Department Merit Certificate

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn teisteanas a chaidh a chur a-mach ann an 1900, le Roinn Foghlaim na h-Alba. Chaidh an teisteanas a chosnadh le nighean aois 12 bliadhna leis an ainm Anna Chamshron, a bha na sgoilear ann an Sgoil Phoblach Ghoillspidh, agus thaisbean e a comas ann an cuspairean Leughaidh, Sgrìobhaidh, Àireamhachd agus Beurla. Bha e cuideachd a' sealltainn gun d' fhuair i ionnsachadh ann an cuspairean Cruinn-eòlais agus Eachdraidh Bhreatainn. Tha ainm sgrìobhte an Ridire Eanraig Craik air an teisteanas, Rùnaire Roinn Foghlaim na h-Alba eadar 1885 agus 1904.

Thàinig frithealadh sgoile ann an Alba gu bhith reachdail do chloinn eadar 5 agus 13 bliadhna a dh'aois, le cur an gnìomh Achd an Fhoghlaim (Alba) ann an 1872. Chaidh buidheann riaghlaidh fon ainm Roinn Foghlaim na h-Alba a chruthachadh, aig an robh dleastanas riaghladh nan sgoiltean a ghabhail thairis bho Eaglais na h-Alba. Bha oifisean na roinne stèidhichte an toiseach ann an Lunnainn ach mu 1918 bha ceistean gan togail ann an Alba agus chaidh an roinn atharrachadh gu Dùn Èideann, fon ainm ùr Roinn Foghlaim na h-Alba.

Chaidh an teisteanas a thoirt a-steach ann an 1892 gus deireadh foghlaim bun-sgoile a chomharrachadh. An toiseach, bha aig sgoilear ris an teisteanas a chosnadh ro aois 13, ach mu 1903 bha an t-slighe gu cosnadh an teisteanais air atharrachadh gu nàdarrach gu deuchainn a dh'fheumadh na sgoilearan air fad a shuidhe ro aois 12 sa bhun-sgoil. Bha an fheadhainn a chosnadh àrd-ìre san deuchainn airidh air a dhol air adhart gu cùrsa còig bliadhna san àrd-sgoil, a' crìochnachadh le teisteanas fàgail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

teisteanas Roinn Foghlaim na h-Alba

1900an

foghlam; teisteanas; teisteanasan; roinnean foghlaim; Roinn Foghlaim na h-Alba; teisteanasan; sgoiltean; An Ridire Eanraig Craik

W Gordon

Winnie Gordon (documents)

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn teisteanas a chaidh a chur a-mach ann an 1900, le Roinn Foghlaim na h-Alba. Chaidh an teisteanas a chosnadh le nighean aois 12 bliadhna leis an ainm Anna Chamshron, a bha na sgoilear ann an Sgoil Phoblach Ghoillspidh, agus thaisbean e a comas ann an cuspairean Leughaidh, Sgrìobhaidh, Àireamhachd agus Beurla. Bha e cuideachd a' sealltainn gun d' fhuair i ionnsachadh ann an cuspairean Cruinn-eòlais agus Eachdraidh Bhreatainn. Tha ainm sgrìobhte an Ridire Eanraig Craik air an teisteanas, Rùnaire Roinn Foghlaim na h-Alba eadar 1885 agus 1904. <br /> <br /> Thàinig frithealadh sgoile ann an Alba gu bhith reachdail do chloinn eadar 5 agus 13 bliadhna a dh'aois, le cur an gnìomh Achd an Fhoghlaim (Alba) ann an 1872. Chaidh buidheann riaghlaidh fon ainm Roinn Foghlaim na h-Alba a chruthachadh, aig an robh dleastanas riaghladh nan sgoiltean a ghabhail thairis bho Eaglais na h-Alba. Bha oifisean na roinne stèidhichte an toiseach ann an Lunnainn ach mu 1918 bha ceistean gan togail ann an Alba agus chaidh an roinn atharrachadh gu Dùn Èideann, fon ainm ùr Roinn Foghlaim na h-Alba. <br /> <br /> Chaidh an teisteanas a thoirt a-steach ann an 1892 gus deireadh foghlaim bun-sgoile a chomharrachadh. An toiseach, bha aig sgoilear ris an teisteanas a chosnadh ro aois 13, ach mu 1903 bha an t-slighe gu cosnadh an teisteanais air atharrachadh gu nàdarrach gu deuchainn a dh'fheumadh na sgoilearan air fad a shuidhe ro aois 12 sa bhun-sgoil. Bha an fheadhainn a chosnadh àrd-ìre san deuchainn airidh air a dhol air adhart gu cùrsa còig bliadhna san àrd-sgoil, a' crìochnachadh le teisteanas fàgail