Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Suaicheantas Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_1_006_001
LINN
1940an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgithanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8368
KEYWORDS
hydro-electric crest
Lord Lyon King-at-Arms
Tom Johnston
North of Scotland Hydro-Electric Board Crest

An dèidh stèidheachadh Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba ann an 1943, thug Àrd-Sheanachaidh na h-Alba seachad cead an suaicheantas aca fhoillseachadh air pàipearan agus air togalaichean. Bha an suaicheantas na ìomhaigh air an dòigh anns an gabh cumhachdan nàdarra an cleachdadh ann an seirbheis mac an duine. Tha dealanach sgiathach air an sgèith le lasraichean a' smàladh solas seann làmpa ola. Tha an suaicheantas a' riochdachadh a' chumhachd ùir seach an seann dòigh. Tha' chraobh ghiuthais, an t-uisge a' sruthadh on chreig, agus na daimh air gach taobh uile nan comharran air a' Ghaidhealtachd. Tha an sluagh-ghairm Neart nan Gleann a' ciallachadh cumhachd a' tighinn bho na glinn. Bha an suaicheantas air a chleachdadh gus an do dh'atharraicheadh an t-ainm gu Scottish Hydro-Electric ann an 1991.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuiradh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region". Dh'innis e do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh 'gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaiteach agus poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd, mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic don ghrid nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' cruthachadh dealain.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Suaicheantas Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba

1940an

hydro-electric crest; Lord Lyon King-at-Arms; Tom Johnston