Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Ridire Eideard MacColla
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_1_007
ÀITE
Baile Chloichrigh
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Maoilinn
LINN
1940an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgithanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8369
KEYWORDS
Edward MacColl
hydro-electric
wind power
peat turbines
Thomas Johnston
Sir Edward MacColl

Chaidh an clàr seo den Ridire Eideard MacColla 1882 - 1951 a chur aig Stèisean Cumhachd Bhaile Chloichridh mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn e air leasachadh dealan uisge air feadh Alba. Rugadh MacColla le ceanglaichean ri Earra-Ghaidheal ann an Dùn Breatainn agus thòisich e a' dèanamh a chiùird aig John Brown and Company, companaidh togail bhàtaichean ann am Bruach Chluaidh agus an uair sin bha e aig Roinn nan Tramaichean aig Comhairle Ghlaschu agus an uair sin aig Steisean Cumhachd Comhairle Pinkstone.

Ann an 1918, chaidh fhastadh le Clyde Valley Electric Company mar am Prìomh Einnseanair Teignigeach. Bha an companaidh soirbheachail a' faighinn cead bhon Phàrlamaid gus leasachadh dealan uisge a thogail aig easan Chluaidh air sgàth geur-sgrùdadh MhicCholla agus mar phàirt de sin a' chomhairle le uachdarain agus a' dìon àilleachd na h-àrainneachd. Dh'obraich e còmhla ri Bòrd Dealain nam Meadhan far an robh e an sàs, ann an 1933, a' cruthachadh a' chiad Ghriod Nàiseanta ann an Alba far an robh tricead agus ìre cumhachd air a chur aig an aon ìre air feadh Alba.

Tro bhliadhnaichean a' chogaidh b' esan a bha os cionn cumhachd agus sgapadh an dealain ach bha e a' faireachdainn nach robh an obair a' dèanamh feum de na tàlantan a bh' aige. Ann an 1943, stiùir Tòmas MacIain BP, Bile Leasachadh Dealan uisge (Alba) tro Thaigh nan Cumantan a lean gu Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba a bhith air a stèidheachadh. Chaidh iarraidh air Eideard MacColla a bhith na Leas-Chathraiche agus na Cheannard. Bha MacColla air a dhòigh leis a' chothrom agus leis na sgilean teicneòlais aige agus leis cho dealasach 's a bha e b' urrainn dha an leasachadh a phutadh air adhart. Coltach ri MacIain bha MacColla a' creidsinn gu mòr ann leasachadh dealan uisge mar fhuasgladh do bhochdainn agus èiginn na Gàidhealtachd agus an cothrom soirbheachadh a thoirt don sgìre.

Leis an spionnadh gun chrìch a bh' aige chùm MacColla rian air togail nan sgeamaichean aig Loch Sloy, Gleann Aifrig, Braghad Albainn, Gleann Garraidh agus Loch Teimhil. 'S e aon de na buadhan a bu mhotha a bh' aige an ro-shealladh agus an t-eòlas a bh' aige air steisean cumhachd a thogail ann an dòigh 's nach biodh iad nan cùis sgreamh am measg nan seallaidhean agus gum biodh iad air an togail le goireasan às an sgìre mun cuairt. Thug seo obair anns robh tòrr feum do mhuinntir nan sgìrean agus structaran eireachdail anns am b' urrainn do luchd-togail agus am Bòrd a bhith pròiseil.

Bha MacColla an-còmhnaidh a' sireadh leasachaidhean agus dhòighean ùra airson cumhachd a chruthachadh fhad 's a bha e ag obair dhan Bhòrd. Thòisich e a' rannsachadh cumhachd gaoithe agus gineadairean air an tionndadh le cumhachd mòna 's e a' tuigsinn gum biodh feum air cumhachd nach robh a' cleachdadh cumhachd uisge anns an àm ri teachd. Chaidh Eideard MacColla a dhèanamh na Ridire ann an 1949 agus chaochail e gu h-aithghearr dà bhliadhna às dèidh sin. 'S e cuimhneachan do MacColla a th' anns a' chlàr seo a tha aig Stèisean Cumhachd Bhaile Chloichridh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Ridire Eideard MacColla

PEAIRT: Maoilinn

1940an

Edward MacColl; hydro-electric; wind power; peat turbines; Thomas Johnston