Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Gobha Sanntach
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_004
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
84
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

An Gobha Sanntach.

Air feasgar ciùin samhraidh bha tàillear agus gobha a' tilleadh le chèile à baile anns an robh iad air a bhith ag obair. Mar bha am feasgar a' teannadh orra, chunnaic iad a' ghrian a' dol sios air chùl nam beann, agus a' ghealach ag èirigh anns an àird an ear. Aig a cheart àm chual' iad, fad às, an ceòl bu bhinne a chuala cluas, agus e a' fàs na bu chruaidhe mar a ghabh iad air an aghaidh. Bha am fuaim neo-thalmhaidh ach bha e cho anabarrach binn 's gun do chuir iad bhuapa an sgìos, agus ghabh iad an rathad le ceumannan aotrom, sunndach.

An dèidh dhaibh dhol beagan astair thàinig iad gu buaile ghrinn, far am faca iad còmhlan de dhaoine agus de mhnathan beaga, agus grèim aca air làmhan a chèile, agus iad a' dannsa gu sunndach aighearach ris a' cheòl bhrèagha a chual' iad.

Ann an teis mheadhan a' chearcaill anns an robh na sìthichean a' dannsa sheas seann duine a bha beagan na b' àirde agus na bu truime na càch. Bha còta de dh'iomadh dath air agus bha fheusag cho geal ris an t-sneachda agus i sios gu a bhroilleach. Sheas an tàillear agus an gobha ag amharc le mòr iongnadh air na dannsairean. Seo nach ann a smèid an seann duine orra agus rinn na daoine beaga bealach dhaibh gus an tigeadh iad a-staigh don chearcall.

Bha an gobha na dhuine tapaidh, gaisgeil agus leum e a-staigh nam measg gun eagal gun fhiamh; ach bha an tàillear an toiseach rudeigin gealtach, agus sheas e air ais. An ceann beagan ùine, ged tha, an uair a chunnaic e cho aoidheil agus cho gasta 's a bha iad, fhuair e misneachd agus chaidh e a-steach don chearcall, còmhla ris a' ghobha. Dhùin na sìthichean timcheall orra gu luath agus iad uile air bhoil.

Fhad 's a bha seo a' dol air adhart, tharraing am fear a bha anns a' mheadhan sgian mhòr a-mach às a' chrios a bha mu a mheadhan, chuir e faobhar oirre air cloich agus sheall e air an tàillear 's air a' ghobha ann an dòigh a chuir crith nan cnàmhan leis an eagal.

Cha robh iad glè fhada anns an t-suidheachadh seo, oir rug am bodach beag air a' ghobha agus ann am priobadh na sùla gheàrr e dheth a h-uile ribe fuilt is feusaig a bha air le aon sguidse. Thionndaidh e an uair sin ris an tàillear agus rinn e an dearbh rud airsan.

Ach an ùine glè ghoirid dh'fhalbh an t-eagal a bha orra uile gu lèir oir thàinig an seann duine agus chuir e fàilte chridheil orra agus bhuail e a làmh air an gualainn, gam moladh airson cho deiseil 's a bha iad a' toirt cead dha an lomadh. An sin sheall e dhaibh dùn mòr guail a bha faisg air làimh agus dh' iarr e orra am pòcannan a lìonadh.

Rinn iadsan mar a dh'iarr e, ged nach robh fios fon ghrèin aca dè am feum a bhiodh anns a' ghual dhaibh. Co-dhiù, thog iad orra agus dh'fhàg iad na daoine beaga an sin, oir bha e a' fàs anmoch. Dìreach an uair a ràinig iad an gleann chual' iad clag a' bualadh dà uair dheug.

Sguir an ceòl gu luath, shìolaidh na daoine beaga air falbh agus laigh a' bhuaile gu ciùin socair fo sholas fuar na gealaich.

A dh' ùine gun a bhith ro fhada ràinig an dithis taigh-òsda ri taobh an rathaid ach cha robh àite an sin dhaibh nas lugha na laigheadh iad air seidean connlaich. Rinn iad sin gu deònach, gan sìneadh fhèin sìos le an aodaichean orra mar a bha iad agus iad ro sgìth airson an gual a thoirt às am pòcannan. Moch sa mhadainn, fada na bu thràithe na b' àbhaist dhaibh èirigh, dhùisg cudthrom a' ghuail iad às an cadal. An uair a chuir iad an làmhan nam pòcannan cha mhòr gun creideadh iad an sùilean an uair a chunnaic iad, an àite guail, gur ann a bha an làmhan làn de dh' òr! Cha b' e sin a-mhàin, ach bha na cinn aca air an còmhdach le falt mar a bha iad roimhe. Ann an tiotan bha iad air fàs beairteach.

Ach bha an gobha na dhuine sanntach na nàdar agus nach ann a bha e air a dhà phòca a lìonadh leis a' ghual. Mar sin, bha a dhà uiread òir aige 's a bha aig an tàillear. An dèidh sin 's na dhèidh cha robh e riaraichte, agus chuir e ann an ceann a chompanaich gu fuiricheadh iad gus an ath latha agus gu rachadh iad an ath fheasgar a dh'fhaighinn an tuilleadh òir às a' bhodachan bheag.

Dhiùlt an tàillear seo a dheànamh. "Tha gu leòr agus pailteas agamsa," thuirt esan, "tha mi làn riaraichte; chan eil an còrr a dhìth orm."

Coma co-dhiù, gus a charaid a thoileachadh, dh'fhuirich e latha eile san taigh-òsda agus an uair a thàinig am feasgar thog an gobha air leis fhèin, le dà phoca air a ghualainn. Ràinig e a' bhuaile agus fhuair e na daoine beaga an sin a' dannsa agus a' seinn, mar a bha iad air an fheasgar roimhe sin.

Ghabh iad e gu coibhneil, càirdeil a-staigh don chuideachd, mar a rinn iad roimhe. Thug an seann duine dheth a-rithist am falt agus an fheusag agus thuirt e ris, mar a rinn e roimhe, na thogradh e dhen ghual a thoirt leis. Cha do dh'iarr an gobha an còrr, cha b' e ruith ach leum leis a-null far an robh an gual. Chan e a phòcannan a-mhàin a lìon e ach an dà phoca cuideachd, agus dhachaigh leis an uair sin làn sòlais, a' smaoineachadh air an dheagh fhortan!

Cha d' fhuair e leabaidh an oidhche sin na bu mhotha ach bha e toilichte gu leòr leigeil na shìneadh le a chuid aodaich air, mar a bha e. "Mothaichidh mi," thuirt e, "an uair a dh'fhàsas an gual trom agus a thèid e na òr; agus dùisgidh sin mi." Mu dheireadh thuit e na chadal an làn dùil is dòchas gun dùisgeadh e anns a' mhadainn na dhuine beairteach, saoibhir.

Cho luath 's a dh'fhosgail e a shùilean siud e air a chasan agus thòisich e air a phòcannan a rannsachadh. Ach cha b' iongnadh gus a seo e...oir nach ann a bha a phòcannan loma làn de ghual salach, dubh, mar a bha iad roimhe! Thilg e mach làn dùirn an dèidh làn dùirn ach aon chrioman beag òir cha robh ri fhaicinn an siud.

"A, uill," thuirt an gobha, "chan eil cothrom air; tha an t-òr agam fhathast a fhuair mi a' chiad oidhche. Is math gun do ghlèidh mi sin gu sàbhailte." Ach, an duine truagh, an uair a chaidh e ga iarraidh nach ann a bha a h-uile crioman dheth air a dhol na ghual a-rithist; agus bha esan air fhàgail cho bochd 's a bha e riamh.

Chuir e a làmhan dubha salach suas air mullach a chinn. Bha e gun ribe fuilt agus bha a smiogaid cha mìn ri bonn a choise. Thuig e mu dheireadh thall gun tàinig peanas air airson cho sanntach 's a bha e. Thòisich e air ochanaich is achanaich agus mu dheireadh 's ann a dhùisg e an tàillear còir. Chuir e truas a chridhe air an tàillear. Thuirt esan ris gu coibhneil fialaidh, "Och, leig seachad do bhròn agus do chaoidh. Nach robh sinne, mi fhìn 's tu fhèin, nar companaich agus nar luchd-turais còmhla; agus a-nise is e do bheatha fuireach còmhla rium fhìn agus do chuid a bhith agad dhe na tha agamsa. Bidh gu leòr agus am pailteas ann dhuinn le chèile."

Sheas an duine còir ri fhacal. Rinn e mar a gheall e. Ach a riamh on latha sin, b'fheudar don ghobha boineid a chosg gus a cheann maol a chumail am falach!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Gobha Sanntach

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)