Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fosgladh Oifigeil Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_1_047
ÀITE
Drochaid Nòsdaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
21 Dùbhlachd 1948
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8448
KEYWORDS
Drochaid Nosdaidh
dealan-uisge
Tom Johnston
Tom MacIain
Loch Aillse
Stèisean Cumhachd
Nostie Bridge Power Station Official Opening

San dealbh seo, chithear cuid de na h-aoighean cudromach a' coiseachd bhon rathad mhòr gu stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh agus pìobaire aig an ceann. Bha Tom Johnston, Ceannard Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba agus buill eile dhen bhòrd air a bhith aig fosgladh stèisean cumhachd ann am Mòrar. Shiubhail iad an uair sin air bàta-smùid eadar Malaig agus Caol Loch Aillse agus an uair sin, shiubhail iad air an rathad eadar an Caol agus Drochaid Nòsdaidh. Ged as e an latha a bu ghiorra den bhliadhna a bha seo, sgrìobh Courier Inbhir Nis: 'fine winter weather, with no snow and with the west coast occasionally bathed in sunshine.'

Bha pròiseact Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nòsdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad pòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas Johnston ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fosgladh Oifigeil Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh

ROS: Loch Aillse

1940an

Drochaid Nosdaidh; dealan-uisge; Tom Johnston; Tom MacIain; Loch Aillse; Stèisean Cumhachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive