Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foirm Airm N 1475 C
EXTERNAL ID
Z_PC_WGORDON3_004_049
DEIT
1945
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
8452
KEYWORDS
sgrìobhainnean airm
teisteanasan cruaidh-cheasnachaidh
An Dàrna Cogadh Mòr
Arm Bhreatainn
prìosanaich cogaidh
Army form N 1475 C

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn teisteanas cruaidh-cheasnachaidh a tha a' dèanamh suas duilleag 4 de sgrìobhainn airm bhon Dàrna Cogadh Mòr leis an tiotal 'Stiùireadh Gluasad Adhair do Luchd-siubhail sna h-Ìnnsean'. Chaidh an teisteanas cruaidh-cheasnachaidh a thoirt do dh'Iain Camshron Gòrdan bho na Comharran Rìoghail.

Bha an Neach-Comharrachaidh Iain Gòrdan às a' Bhlàr Dhubh ann an Siorrachd Rois, agus fhad 's a bha e ann an seirbheis leis an 9mh Roinn Innseanach ann an Kuala Lumpur, chaidh a thoirt an grèim le saighdearan Iapanach. Chuir e seachad grunn bhliadhnaichean mar phrìosanach cogaidh mus deach a thilleadh dhachaigh ann an 1945.

Tha an teisteanas cruaidh-cheasnachaidh ag innse gun deach an Neach-Comharrachaidh Gòrdan a chruaidh-cheasnachadh san t-Sultain 1945 agus 'gu bheil foirm Q air a lìonadh mar a b' fheàrr a b' urrainn dha.' Air an tilleadh bhathar a' dùileachadh air prìosanaich cogaidh ceisteachan saoirse a lìonadh a-steach. Bha an ceisteachan a' faighneachd am faca no an robh fios aig a' phrìosanach a bha air a shaoradh air eucoirean cogaidh sam bith. Ma bha, dh'fheumadh am prìosanach foirm Q a lìonadh.

Às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh chaidh Iain Gòrdain air adhart gu bhith na neach-seilbh air a' bhùth chiùil, 'The Record Rendezvous', stèidhichte air Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foirm Airm N 1475 C

1940an

sgrìobhainnean airm; teisteanasan cruaidh-cheasnachaidh; An Dàrna Cogadh Mòr; Arm Bhreatainn; prìosanaich cogaidh

W Gordon

Winnie Gordon (documents)