Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dachaigh anns a' Phloc a tha air ceangail ris an lìonra dealain - 1949
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_1_050
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8455
KEYWORDS
dealan-uisge
Loch Aillse
Drochaid Nosdaidh
Am Ploc
Plockton household with electricity connected - 1949

Às dèidh fosgladh stèisean dealan-uisge Dhrochaid Nòsdaidh san Dùbhlachd 1948, bha dealan ri fhaighinn air feadh sgìre Loch Aillse airson duine sam bith a bha ga iarraidh. Bha 85% de dhachaighean na sgìre air soidhnigeadh airson dealan. Roimhe seo, bha sgeamaichean dealain prìobhaideach ann an cuid de sgìrean, a bhiodh a' cleachdadh gindeadairean dìosail. Tha e coltach gu bheil e a' còrdadh ris an dithis san dealbh dealan a bhith aca airson leughadh is fuaigheal agus airson a' choire dhealain aca a tha ri an taobh. A dh'aindeoin seo, ge-tà, tha an seann choire fhathast aig a' chagailt.

Bha pròiseact Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nòsdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad pòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas Johnston ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dachaigh anns a' Phloc a tha air ceangail ris an lìonra dealain - 1949

ROS: Loch Aillse

1940an

dealan-uisge; Loch Aillse; Drochaid Nosdaidh; Am Ploc

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive