Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Notaichean Stiùiridh Airm do Phrìosanaich Cogaidh
EXTERNAL ID
Z_PC_WGORDON3_004_051
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
8456
KEYWORDS
sgrìobhainnean airm
An Dàrna Cogadh Mòr
Arm Bhreatainn
prìosanaich cogaidh
Army Guidance Notes for Ex-prisoners of War

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn notaichean stiùiridh Airm dha saighdearan a bha nam prìosanaich cogaidh. Tha na notaichean a' toirt stiùireadh seachad air mar a ghabhas tagradh airson airgead agus cuid a chaidh air chall mar thoradh air glacadh. Tha seo a' gabhail a-steach airgead agus cuid a chaidh a thoirt air falbh leis an nàmhaid, gnothaichean pearsanta a chaidh fhàgail ann an campaichean phrìosanach agus gnothaichean pearsanta, gnothaichean teaghlaich no taighe a chaidh air chall mar thoradh air an nàmhaid a bhith a' gabhail an àite thairis.

Bhuineadh na notaichean stiùiridh dha Iain Camshron Gòrdan bho na Comharran Rìoghail, a bha na phrìosanach cogaidh. Chaidh an Neach-Comharrachaidh Gòrdan a thoirt an grèim le saighdearan Iapanach, nuair a bha e ann an seirbheis ann am Malaya. Chuir e seachad trì bliadhna mar phrìosanach cogaidh mus deach a thilleadh dhachaigh ann an 1945.

Às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh chaidh Iain Gòrdain air adhart gu bhith na neach-seilbh air a' bhùth chiùil, 'The Record Rendezvous', stèidhichte air Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Notaichean Stiùiridh Airm do Phrìosanaich Cogaidh

1930an; 1940an

sgrìobhainnean airm; An Dàrna Cogadh Mòr; Arm Bhreatainn; prìosanaich cogaidh

W Gordon

Winnie Gordon (documents)

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn notaichean stiùiridh Airm dha saighdearan a bha nam prìosanaich cogaidh. Tha na notaichean a' toirt stiùireadh seachad air mar a ghabhas tagradh airson airgead agus cuid a chaidh air chall mar thoradh air glacadh. Tha seo a' gabhail a-steach airgead agus cuid a chaidh a thoirt air falbh leis an nàmhaid, gnothaichean pearsanta a chaidh fhàgail ann an campaichean phrìosanach agus gnothaichean pearsanta, gnothaichean teaghlaich no taighe a chaidh air chall mar thoradh air an nàmhaid a bhith a' gabhail an àite thairis.<br /> <br /> Bhuineadh na notaichean stiùiridh dha Iain Camshron Gòrdan bho na Comharran Rìoghail, a bha na phrìosanach cogaidh. Chaidh an Neach-Comharrachaidh Gòrdan a thoirt an grèim le saighdearan Iapanach, nuair a bha e ann an seirbheis ann am Malaya. Chuir e seachad trì bliadhna mar phrìosanach cogaidh mus deach a thilleadh dhachaigh ann an 1945. <br /> <br /> Às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh chaidh Iain Gòrdain air adhart gu bhith na neach-seilbh air a' bhùth chiùil, 'The Record Rendezvous', stèidhichte air Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis