Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir Airm
EXTERNAL ID
Z_PC_WGORDON3_004_052
DEIT
1945
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
8458
KEYWORDS
An Dàrna Cogadh Mòr
Arm Bhreatainn
prìosanaich cogaidh
Army letter

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn litir airm leis a' cheann-latha 14mh Samhain 1945. Tha an litir a' bualadh air saoradh a' phrìosanaich cogaidh a chaidh a thilleadh. Chaidh an Neach-Comharrachaidh Iain Camshron Gòrdan a thoirt an grèim le saighdearan Iapanach, nuair a bha e ann an seirbheis ann am Malaya. Chuir e seachad trì bliadhna mar phrìosanach cogaidh mus deach a thilleadh dhachaigh ann an 1945.
Tha an litir ag iarraidh air Iain Gòrdan e fhèin a chur an aithne aig Ionad Saoraidh Armailteach Àireamh 1 ann an Dùn Èideann. Tha aige ri a bhaga-èididh, sgian, greimire agus spàin, an AB64 aige (leabhar seirbheis is pàighidh) agus an litir a thoirt leis. Tha an litir a' comhairleachadh an t-saighdeir màileid a thoirt leis gus toirt air falbh èideadh no aodach cumanta sam bith a chaidh a thoirt dha. Thathar a' comhairleachadh ruighinn tràth gus an saighdear a shaoradh an aon latha.

Às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh chaidh Iain Gòrdain air adhart gu bhith na neach-seilbh air a' bhùth chiùil, 'The Record Rendezvous', stèidhichte air Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir Airm

1940an

An Dàrna Cogadh Mòr; Arm Bhreatainn; prìosanaich cogaidh

W Gordon

Winnie Gordon (documents)

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn litir airm leis a' cheann-latha 14mh Samhain 1945. Tha an litir a' bualadh air saoradh a' phrìosanaich cogaidh a chaidh a thilleadh. Chaidh an Neach-Comharrachaidh Iain Camshron Gòrdan a thoirt an grèim le saighdearan Iapanach, nuair a bha e ann an seirbheis ann am Malaya. Chuir e seachad trì bliadhna mar phrìosanach cogaidh mus deach a thilleadh dhachaigh ann an 1945. <br /> Tha an litir ag iarraidh air Iain Gòrdan e fhèin a chur an aithne aig Ionad Saoraidh Armailteach Àireamh 1 ann an Dùn Èideann. Tha aige ri a bhaga-èididh, sgian, greimire agus spàin, an AB64 aige (leabhar seirbheis is pàighidh) agus an litir a thoirt leis. Tha an litir a' comhairleachadh an t-saighdeir màileid a thoirt leis gus toirt air falbh èideadh no aodach cumanta sam bith a chaidh a thoirt dha. Thathar a' comhairleachadh ruighinn tràth gus an saighdear a shaoradh an aon latha.<br /> <br /> Às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh chaidh Iain Gòrdain air adhart gu bhith na neach-seilbh air a' bhùth chiùil, 'The Record Rendezvous', stèidhichte air Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis