Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iarrtas airson cùpain aodaich leasachail
EXTERNAL ID
Z_PC_WGORDON3_004_067
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
8484
KEYWORDS
cuibhreannadh aodaich
cùpain chuibhreann
cuibhreannadh
An Dàrna Cogadh Mòr
Application for supplementary clothing coupons

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn foirm iarrtais airson cùpain aodaich leasachail, a bhathar a' cleachdadh aig àm an Dàrna Cogaidh Mòire. Tha liosta san fhoirm de na suidheachaidhean anns am faodadh daoine tagradh. Nam measg sin tha daoine a tha air aodach a chall air mar thoradh air sgrios cogaidh air an dachaighean, daoine air an saoradh no air fòrladh sònraichte bhon arm agus iadsan air an leigeil a-mach on ospadal.

Air 1d Ògmhios 1941, chaidh aodach a chuibhreannadh ann am Breatainn agus chaidh leabhraichean cùpain a thoirt do gach neach a bha a' fuireach san Rìoghachd Aonaichte. Rinn toiseach an Dàrna Cogaidh e do-dhèante aodach a thoirt a-steach dhan rìoghachd bho thall thairis agus bha luchd-saothrachaidh Bhreatainn air an cumail a' dol a' dèanamh nithean mar èideadh airm agus parasiutan. Bha gach neach airidh air 66 cùpain sa bhliadhna le deich cùpain a bharrachd gan riarachadh do chloinn a bha a' fàs. Bha cuid de nithean mar adan, clogaichean (brògan fiodh) agus aodach do leanaban fo aois ceithir mìosan saor bho chuibhreannan. Dh'fhàs meas air aodach ath-reicte tro bhliadhnaichean a' chogaidh air sgàth agus gun robh iadsan cuideachd saor bho chuibhreannan. Chùm cuibhreannadh air aodach a' dol tro bhliadhnaichean a' chogaidh agus às an dèidh gus an do stad e mu dheireadh ann an 1952

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iarrtas airson cùpain aodaich leasachail

1930an; 1940an

cuibhreannadh aodaich; cùpain chuibhreann; cuibhreannadh; An Dàrna Cogadh Mòr

W Gordon

Winnie Gordon (documents)

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn foirm iarrtais airson cùpain aodaich leasachail, a bhathar a' cleachdadh aig àm an Dàrna Cogaidh Mòire. Tha liosta san fhoirm de na suidheachaidhean anns am faodadh daoine tagradh. Nam measg sin tha daoine a tha air aodach a chall air mar thoradh air sgrios cogaidh air an dachaighean, daoine air an saoradh no air fòrladh sònraichte bhon arm agus iadsan air an leigeil a-mach on ospadal. <br /> <br /> Air 1d Ògmhios 1941, chaidh aodach a chuibhreannadh ann am Breatainn agus chaidh leabhraichean cùpain a thoirt do gach neach a bha a' fuireach san Rìoghachd Aonaichte. Rinn toiseach an Dàrna Cogaidh e do-dhèante aodach a thoirt a-steach dhan rìoghachd bho thall thairis agus bha luchd-saothrachaidh Bhreatainn air an cumail a' dol a' dèanamh nithean mar èideadh airm agus parasiutan. Bha gach neach airidh air 66 cùpain sa bhliadhna le deich cùpain a bharrachd gan riarachadh do chloinn a bha a' fàs. Bha cuid de nithean mar adan, clogaichean (brògan fiodh) agus aodach do leanaban fo aois ceithir mìosan saor bho chuibhreannan. Dh'fhàs meas air aodach ath-reicte tro bhliadhnaichean a' chogaidh air sgàth agus gun robh iadsan cuideachd saor bho chuibhreannan. Chùm cuibhreannadh air aodach a' dol tro bhliadhnaichean a' chogaidh agus às an dèidh gus an do stad e mu dheireadh ann an 1952