Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bruach an Iar Dam Allt Gleann Udalain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_2_024
ÀITE
Drochaid Nòsdaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
31 Am Faoilleach 1949
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8504
KEYWORDS
dealan-uisge
Allt Gleann Udalain
Loch Aillse
taigh bhalbhaichean
loch tasgaidh
slighe-dòrtaidh
West bank of dam across Allt Gleann Udalain

Anns an dealbh seo a tha a' coimhead don iar, chithear an dam crìochnaichte thairis air Allt Gleann Udalain. Tha an t-uisge àrd san loch tasgaidh air cùlaibh an dama. Nas ìsle san dealbh, chithear an staidhre gu taigh nam bhalbhaichean agus chun na slighe-dòrtaidh an ear.

Bha pròiseact Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nòsdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad pòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.

Chaidh Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh stèisean a' chumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bruach an Iar Dam Allt Gleann Udalain

ROS: Loch Aillse

1940an

dealan-uisge; Allt Gleann Udalain; Loch Aillse; taigh bhalbhaichean; loch tasgaidh; slighe-dòrtaidh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive