Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
leabhar chuibhreannan Connadh charbadan
EXTERNAL ID
Z_PC_WGORDON3_005_009
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
8508
KEYWORDS
leabhraichean cuibhreannachaidh connadh charbadan
leabhraichean cuibhreannachaidh
An Dàrna Cogadh Mòr
cuibhreannan connaidh
Motor Fuel Ration Book

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn taobh a-staigh còmhdaich aghaidh de leabhar chuibhreannan connadh charbadan. Ann an 1939, dh'ainmich Riaghaltas Bhreatainn cuibhreannachadh air an dà chuid ola agus peatrail. Chaidh leabhar chuibhreannan connadh charbadan a thoirt do gach neach-seilbh carbaid, agus aig an toiseach b' e trì galain san t-seachdain a bha ceadaichte. Bha seo an coimeas ri 200 mìle de shiubhal carbaid gach mìos. Mar thoradh air gainnead peatrail thòisich daoine a' dèanamh barrachd feum de chòmhdhail poblach. Bha meas air roinn chàraichean cuideachd agus bha iadsan, a bha a' taisbeanadh sanas air uinneag a' chàir aca a' tabhach togail, airidh air cuibhreann connaidh a bharrachd. Chùm cuibhreannan connaidh a' dol às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh, gus an deach am bacadh a thogail mu dheireadh thall ann an 1950

Tha an teacsa air taobh a-staigh a' chòmhdaich aghaidh ag ràdh gu bheil cùpain san leabhar a sheasas sia mìosan. Tha e cuideachd a' comhairleachadh don neach-seilbh 'an leabhar seo a chumail ann an àite sàbhailte, agus chan ann sa charbaid'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

leabhar chuibhreannan Connadh charbadan

1930an; 1940an

leabhraichean cuibhreannachaidh connadh charbadan; leabhraichean cuibhreannachaidh; An Dàrna Cogadh Mòr; cuibhreannan connaidh

W Gordon

Winnie Gordon (documents)

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn taobh a-staigh còmhdaich aghaidh de leabhar chuibhreannan connadh charbadan. Ann an 1939, dh'ainmich Riaghaltas Bhreatainn cuibhreannachadh air an dà chuid ola agus peatrail. Chaidh leabhar chuibhreannan connadh charbadan a thoirt do gach neach-seilbh carbaid, agus aig an toiseach b' e trì galain san t-seachdain a bha ceadaichte. Bha seo an coimeas ri 200 mìle de shiubhal carbaid gach mìos. Mar thoradh air gainnead peatrail thòisich daoine a' dèanamh barrachd feum de chòmhdhail poblach. Bha meas air roinn chàraichean cuideachd agus bha iadsan, a bha a' taisbeanadh sanas air uinneag a' chàir aca a' tabhach togail, airidh air cuibhreann connaidh a bharrachd. Chùm cuibhreannan connaidh a' dol às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh, gus an deach am bacadh a thogail mu dheireadh thall ann an 1950<br /> <br /> Tha an teacsa air taobh a-staigh a' chòmhdaich aghaidh ag ràdh gu bheil cùpain san leabhar a sheasas sia mìosan. Tha e cuideachd a' comhairleachadh don neach-seilbh 'an leabhar seo a chumail ann an àite sàbhailte, agus chan ann sa charbaid'