- TIOTAL
- Loidhne-phìoban dealan-uisge Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- GB232_RAMSAY_D893_1_3_029
- ÀITE
- Drochaid Nòsdaidh
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- DEIT
- 2 An Dàmhair 1949
- LINN
- 1940an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8591
- KEYWORDS
- dealan-uisge
Loch Aillse
Drochaid Nosdaidh
loch tasgaidh
dam
Allt Gleann Udalain
loidhne phìoban

Tha loidhne-phìoban pròiseact dealan-uisge Loch Aillse a' ruith sìos bho dham Allt Gleann Udalain gu stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha na pìoban às an dam, aig an robh trast-thomhas de 33 òirlich, air an còmhdachadh le concrait bhon dam sìos chun an àite far a bheil an loidhne-phìoban ag atharrachadh gu dà phìob le trast-thomhas de 24 òirlich. Anns an dealbh seo, chithear mar a tha an loidhne-phìoban a' leantainn cumadh nàdarra na beinne os cionn a' bhealaich os cionn na h-aibhne.
Bha pròiseact Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nòsdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad pòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.
Chaidh Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.
Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.
Bhathar an dùil gum biodh toradh stèisean a' chumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives