Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am fear a fhuair an spothadh
EXTERNAL ID
HC_WILLIAMSON_02
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Pròiseact Sgeulachdan nam Merry Dancers
AITHNEACHADH MAOINE
86
KEYWORDS
eachdraidh beòil
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Sgeulachd mu dhioghaltas ann an Ìnnse Gall.

Ailig Iain MacUilleim - Rugadh Ailig Iain ann an teanta ann an Rheguile, baile beag os cionn Eadar-dà-dhùn ann an Siorrachd Rois air 31 An Dùbhlachd 1932. Rugadh athair, d' am b' ainm Ailig cuideachd, ann an Srath Chonain agus bhuineadh a mhàthair, Seònaid Stiùbhart, do theaghlach dhe na siùbhlaichean às an Eilean Sgitheanach. Bha Gàidhlig aca le chèile.

Bha an teanta san do rugadh Ailig an ath dhoras do Thaigh a' Ghàrraidh, an taigh a thog athair dhan teaghlach airson a bhith a' cur seachad a' gheamhraidh ann. Aig an àm ud bhiodh siùbhlaichean na Gàidhealtachd a' cur seachad a' gheamhraidh suidhichte ann an àiteigin agus a' gabhail chun an rathaid as t-earrach. Bhiodh iad a' fuireach ann an teantaichean agus a' dèanamh am beòshlaint le bhith ag obair le tiona, (b' e sin an obair a bha aig athair Ailig), a' malairt eich, a' reic, ag iasgach airson neamhnaidean agus ag obair dha na croitearan. Bha cead aig a' chloinn a bhith far na sgoile as t-samhradh. B' ann sa gheamhradh, mu chuairt na cagailte ann an Taigh a' Ghàrraidh, a chuala Ailig a' mhòr-chuid dhe na sgeulachdan a bhios e ag innse an-diugh.

Thàinig an stòiridh seo bho CD dùbailte leis an ainm 'Tales of a Travelling Man'. Chaidh an CD a dhèanamh mar phàirt dhen Merry Dancers Storytelling Project, iomairt trì bliadhna le Oideachadh Coimhearsnachd is Chur-seachadan ann an Ros is Cromba le Comhairle na Gàidhealtachd. Thug Iomairt Rois is Chrombaidh taic dhan phròiseact agus fhuaradh taic cuideachd bho Mhaoin a' Chrannchuir aig Comhairle nan Ealain. Tha tuilleadh fiosrachaidh air an CD mu Ailig agus a bheatha. Airson fiosrachadh mu lethbhreac fhaotainn cuir fios gu strath@ndo.co.uk

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am fear a fhuair an spothadh

2000an

eachdraidh beòil; beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; claistinneach

Pròiseact Sgeulachdan nam Merry Dancers

Tales of a Travelling Man - Sgeulachdan bho Mhac-cèaird (CD)