Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad-iarainn aig Sgeama Dealan-uisge Lochan an Stòir
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_4_002
ÀITE
Lochan an Stòir
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
13 An Dùbhlachd 1950
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8600
KEYWORDS
Lochan an Stòir
dealan-uisge
rathad-iarainn
rèile
Bàgh Bheararaig
Railway at Storr Lochs Hydro-Electric Scheme

San dealbh seo, chithear sealladh den bhruthach chas a chaidh a thogail ann am Bàgh Bheararaig ann an ear thuath an Eilein Sgitheanaich. Ri aghaidh na deilbh, chithear an làrach a chaidh a dhèanamh còmhnard airson a bhith a' togail stèisean cumhachd Lochan an Stòir. Anns an dealbh, tha an obair aig ìre thràth agus thathar ag ullachadh na talmhainn. Tha rathad-iarainn ann a tha air a thogail air stèidh de bhlocaichean concrait agus a bhiodh air a ruith bhon taigh-unndais aig mullach na beinne. Chaidh an rathad-iarainn a chleachdadh gus uidheamachd is stuthan togail a ghiùlan airson obair togail air an stèisean cumhachd agus, na b' fhaide air adhart, airson a bhith a' toirt luchd-obrach chun an stèisean-dealain.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail ann an Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur gu loch-tasgaidh ùr, Lochan an Stòir, le stèisean dealain gu h-ìosal air Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus dh'fhosgail an stèisean cumhachd sa Chèitean 1952. Roimhe seo, bha dealan aig cuid de na taighean ann an sgìre an Ath Leathainn tro chàbal fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a bhiodh a' toirt seachad dealan airson solas sràide agus airson beagan thaighean. Bha gineadairean aig a' mhòr-chuid de na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas Johnston ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad-iarainn aig Sgeama Dealan-uisge Lochan an Stòir

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Lochan an Stòir; dealan-uisge; rathad-iarainn; rèile; Bàgh Bheararaig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive