Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_CAIMS_PPD64
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
863
KEYWORDS
caistealan
dealbhan air am peantadh
peantaidhean
Thurso Castle

Tha e coltach gur ann bho ghràbhaladh de Chaisteal Inbhir Theòrsa a chaidh am priont seo a thogail. 'S ann o bheulaibh a' chaisteil a tha an sealladh. Air beulaibh an deilbh tha craobhan a' dol bhon oisean chlì don mheadhan, agus às a seo tha leathad air gach taobh agus gleann ann ('s cinnteach gun deach cead nan luchd-ealain a chleachdadh an seo). Air taobh a deas a' ghlinn seo tha an talamh an uair sin ag èirigh a-rithist gu trì beanntan.

Tha gàrradh no balla cloiche a' cuairteachadh talamh a' chaisteil agus tha geata ann le colbhan biorach gach taobh dheth. Cha deach am balla seo a dhathadh san dealbh ach air pàirt dheth. Air taobh clì a' chaisteil tha, 's dòcha, ceathrar, agus cù a' coiseachd taobh a' ghàrraidh. Tha balla eile a-staigh le mullach caistealach, balla a tha air a shealltainn gu math nas àirde na 'm balla a-muigh. Pìos às chithear Bàgh Inbhir Theòrsa le cuid shoithichean air an ceangal aig Sgrabastair agus cuid shoithichean eile air acair an siud s' an seo timcheall air a' bhàgh. Air an làimh chlì agus pìos às chithear maol Cheann Holborn; air an làimh dheas chithear 's dòcha Ceann Dùnaid no na h-Eileanan Arcach.

Chaidh a' chiad Chaisteal Inbhir Theòrsa a thogail ann an 1660, agus caisteal ùr air a thogail faisg air làimh san 19mh linn le Sir Tollemache Mac na Ceàrdaich (Sinclair). B' e cathair Clann na Ceàrdaich Ulabastair a bha sa chaisteal, agus chaidh a thogail, ann an stoidhle caisteil Fhrangaich, faisg air an tràigh air taobh an ear beul na h-aibhne. Aig àm an Dàrna Cogaidh sprèadh mèinn mara faisg air agus dh'fhàg seo an caisteal mì-shàbhailte na structair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

caistealan; dealbhan air am peantadh; peantaidhean

Caithness Horizons

Tha e coltach gur ann bho ghràbhaladh de Chaisteal Inbhir Theòrsa a chaidh am priont seo a thogail. 'S ann o bheulaibh a' chaisteil a tha an sealladh. Air beulaibh an deilbh tha craobhan a' dol bhon oisean chlì don mheadhan, agus às a seo tha leathad air gach taobh agus gleann ann ('s cinnteach gun deach cead nan luchd-ealain a chleachdadh an seo). Air taobh a deas a' ghlinn seo tha an talamh an uair sin ag èirigh a-rithist gu trì beanntan.<br /> <br /> Tha gàrradh no balla cloiche a' cuairteachadh talamh a' chaisteil agus tha geata ann le colbhan biorach gach taobh dheth. Cha deach am balla seo a dhathadh san dealbh ach air pàirt dheth. Air taobh clì a' chaisteil tha, 's dòcha, ceathrar, agus cù a' coiseachd taobh a' ghàrraidh. Tha balla eile a-staigh le mullach caistealach, balla a tha air a shealltainn gu math nas àirde na 'm balla a-muigh. Pìos às chithear Bàgh Inbhir Theòrsa le cuid shoithichean air an ceangal aig Sgrabastair agus cuid shoithichean eile air acair an siud s' an seo timcheall air a' bhàgh. Air an làimh chlì agus pìos às chithear maol Cheann Holborn; air an làimh dheas chithear 's dòcha Ceann Dùnaid no na h-Eileanan Arcach. <br /> <br /> Chaidh a' chiad Chaisteal Inbhir Theòrsa a thogail ann an 1660, agus caisteal ùr air a thogail faisg air làimh san 19mh linn le Sir Tollemache Mac na Ceàrdaich (Sinclair). B' e cathair Clann na Ceàrdaich Ulabastair a bha sa chaisteal, agus chaidh a thogail, ann an stoidhle caisteil Fhrangaich, faisg air an tràigh air taobh an ear beul na h-aibhne. Aig àm an Dàrna Cogaidh sprèadh mèinn mara faisg air agus dh'fhàg seo an caisteal mì-shàbhailte na structair.