Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bho Stèisean Cumhachd Lochan an Stòir
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_4_025
ÀITE
Lochan an Stòir
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8643
KEYWORDS
Lochan an Stòir
stèisean tàrmachaidh
dealan-uisge
Toirbheartan
tìr-mòr
Eilean Rònaigh
View from Storr Lochs Generating Station

Chithear an seo sealladh iongantach a' coimhead thar a' Chaolas A-staigh bho thaobh stèisean cumhachd Lochan an Stòir an ear-thuath an Eilein Sgitheanaich. Tha an stèisean aig bonn creag chas aig cladach Bàgh Bheararaig san ear-thuath. Bhathas an dùil gun deigheadh stuth-togail a thoirt a-steach air a' mhuir, is e cho furasta fhaighinn chun na làraich mar seo, ach chuir an tìde-mara, is i cho làidir, agus call eathair làn acfhainn tràth anns an obair, stad air siud. An àite seo, bhathas a' cur a h-uile càil sìos a' chreag. Thogadh an dealbh seo bhon sgàil-bhrat taobh a-muigh stèisen a' chumhachd. Ann an ro-ionad an deilbh chithear Eilean Rònaigh, le beanntan Thoirbheartan air a chùlaibh.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail ann an Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur còmhla ann an loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal orra ann am Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus thòisich e ag obrachadh sa Chèitean 1952. Roimhe seo, dheigheadh dealan a chumail ri corra thaigh ann an sgìre an Àth Leathainn le càball fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a chumadh dealan ri solais sràide agus ri beagan thaighean. Bha gineadairean aig a' chuid bu mhotha dhe na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar mheadhan air a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealan

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bho Stèisean Cumhachd Lochan an Stòir

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Lochan an Stòir; stèisean tàrmachaidh; dealan-uisge; Toirbheartan; tìr-mòr; Eilean Rònaigh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive