- TIOTAL
- Pròiseast Dealan-uisge Lochan an Stòir
- EXTERNAL ID
- GB232_RAMSAY_D893_1_5_003
- ÀITE
- Lochan an Stòir
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- DEIT
- 9 An Gearran 1950
- LINN
- 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8650
- KEYWORDS
- Lochan an Stòir
dealan-uisge
dam

Thathar a' cladhach steapaichean mòra a-mach à aghaidh na cloiche gus stèidh a thogail airson balla a thogail aig ceann an dama mar phàirt de phròiseact dealan-uisge Lochan an Stòir. Tha staidhre shealach ann gus a dhèanamh nas fhasa ruigsinn air bonn an dama, far a bheil còmhlachan fiodha ann. Bhiodh concrait air a dhòrtadh ann gus bonn an dama a thogail.
Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail ann an Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur gu loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal air Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus dh'fhosgail an stèisean cumhachd sa Chèitean 1952. Roimhe seo, bha dealan aig cuid de na taighean ann an sgìre an Ath Leathann tro chàbal fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a bhiodh a' toirt seachad dealan airson solas sràide agus airson beagan thaighean. Bha gineadairean aig a' mhòr-chuid de na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.
Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas Johnston ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)
Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives