Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sir Iain Mac na Ceàrdaich
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_CAIMS_PPD67
DEIT
26 An t-Samhain 1835
LINN
1830an
CRUTHADAIR
Adolph Kiste
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
866
KEYWORDS
uachdarain
luchd-seilbh an fhearainn
luchd-poilitigs
àiteachas
leasachadh àiteachais
Sir John Sinclair

Sa phriont seo chithear Sir Iain Mac na Ceàrdaich, dìreach a cheann 's a ghuailnean. Tha e a' coimhead an taobh chlì. Tha seacaid air le coilear àrd, agus foidhpe lèine no 's dòcha peitean de bhreacan. Tha e coltach gu bheil lèine gheal fhraoidhneasach agus crabhat dorch air. Chaidh an dealbh a cheòthadh a-mach mu ghuailnean ann an cumadh uighe.

'S e bh' ann an Sir Iain Mac na Ceàrdaich Ulbastair (1754-1835) fear a bha na uachdaran an fhearainn, na neach-poilitigs, na neach-leasachaidh, na neach-àiteachais, na neach-staitistearachd agus na thosgaire airson a dhùthaich fhèin. Rugadh e ann an Caisteal Inbhir Theòrsa gu fine Iarlannan Mhic na Ceàrdaich Ghallaibh agus chaidh e air adhart na fhoghlam gu oilthighean Dùin Èidinn, Ghlaschu agus Oxford mus deach a thoirt a-steach gu Roinn nan Luchd-tagraidh (Faculty of Advocates). Thaghadh e na BhP aig Gallaibh ann an 1780 agus shuidh e ann an Taigh nan Cumantan cha mhòr fad na h-ùine troimhe gu 1811.

B' e ciad ceann-suidhe Bhòrd an Àiteachais a bh' ann an Sir Iain agus chuir e air bhonn comann a leasaicheadh clòimh Bhreatannach. Ann an 1805 chaidh a chur san dreuchd mar choimiseanair airson rathaidean is drochaidean a thogail ann an Alba a tuath. Bha aige cuideachd ri sùil a chumail air cur-ri-chèile ciad Chunntas Stataistigeil na h-Alba eadar 1791 is 1799.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Iain Mac na Ceàrdaich

1830an

uachdarain; luchd-seilbh an fhearainn; luchd-poilitigs; àiteachas; leasachadh àiteachais

Caithness Horizons

Sa phriont seo chithear Sir Iain Mac na Ceàrdaich, dìreach a cheann 's a ghuailnean. Tha e a' coimhead an taobh chlì. Tha seacaid air le coilear àrd, agus foidhpe lèine no 's dòcha peitean de bhreacan. Tha e coltach gu bheil lèine gheal fhraoidhneasach agus crabhat dorch air. Chaidh an dealbh a cheòthadh a-mach mu ghuailnean ann an cumadh uighe.<br /> <br /> 'S e bh' ann an Sir Iain Mac na Ceàrdaich Ulbastair (1754-1835) fear a bha na uachdaran an fhearainn, na neach-poilitigs, na neach-leasachaidh, na neach-àiteachais, na neach-staitistearachd agus na thosgaire airson a dhùthaich fhèin. Rugadh e ann an Caisteal Inbhir Theòrsa gu fine Iarlannan Mhic na Ceàrdaich Ghallaibh agus chaidh e air adhart na fhoghlam gu oilthighean Dùin Èidinn, Ghlaschu agus Oxford mus deach a thoirt a-steach gu Roinn nan Luchd-tagraidh (Faculty of Advocates). Thaghadh e na BhP aig Gallaibh ann an 1780 agus shuidh e ann an Taigh nan Cumantan cha mhòr fad na h-ùine troimhe gu 1811. <br /> <br /> B' e ciad ceann-suidhe Bhòrd an Àiteachais a bh' ann an Sir Iain agus chuir e air bhonn comann a leasaicheadh clòimh Bhreatannach. Ann an 1805 chaidh a chur san dreuchd mar choimiseanair airson rathaidean is drochaidean a thogail ann an Alba a tuath. Bha aige cuideachd ri sùil a chumail air cur-ri-chèile ciad Chunntas Stataistigeil na h-Alba eadar 1791 is 1799.