Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Balla-taic, Làrach Dealan-uisge Lochan an Stòir
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_5_013
ÀITE
Lochan an Stòir
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
4 Giblean 1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8672
KEYWORDS
Lochan an Stòir
dealan-uisge
dam
tuiltean
Wingwall at Storr Lochs Hydro-Electric Site

San dealbh seo, chithear sealladh bho thaobh shuas na h-aibhne de dham Lochan an Stòir. Tha an dam fhèin faisg air na cruinn. A chionn 's gun robh poll-mònach air an taobh seo den dam, bha aig an luchd-togail ri balla-taice a thogail, a' ruigsinn astar mòr a-steach don dam, gus barrachd taic a chumail ris an structar. Chaidh am balla air taobh shìos na h-aibhne a lìonadh an uair sin le clachan a bha air an cur còmhla le concrait gus leathad a thogail faisg air an dam. Chaidh clachan a chur an aghaidh a' bhalla an uair sin, mar a chithear san deiabh. Nas fhaide air falbh bhon dam, chaidh ùir bhon obair togail a chur an aghaidh a' bhalla.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail ann an Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur gu loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal air Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus dh'fhosgail an stèisean cumhachd sa Chèitean 1952. Roimhe seo, bha dealan aig cuid de na taighean ann an sgìre an Ath Leathann tro chàbal fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a bhiodh a' toirt seachad dealan airson solas sràide agus airson beagan thaighean. Bha gineadairean aig a' mhòr-chuid de na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas Johnston ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Balla-taic, Làrach Dealan-uisge Lochan an Stòir

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Lochan an Stòir; dealan-uisge; dam; tuiltean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive